Skip to content
Picture of staff member

Sarah Jane Chaimbeul

Rùnaire a’ Phrionnsapail

01471 888 200

Tuairisgeul pearsanta

’S ann às Na Ceallan, Griomasaigh, Uibhist a Tuath a tha Sarah Jane bho thùs.  Bha i na h-oileanach aig an t-Sabhal Mhòr ann an 1995 nuair a rinn i Dioplòma ann an Telebhisean Gàidhlig.  Às dèidh sin chuir i seachad cha mhòr còig bliadhna fichead ag obair anns na meadhanan Gàidhlig, na h-ochd mu dheireadh ag obair do Young Films ann an Slèite far an do riochdaich i an dràma Bannan do BhBC ALBA.  Tha Sarah Jane a-nis ag obair mar Rùnaire a’ Phrionnsapail.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578