Skip to content
Picture of a group of children

Tobar an Dualchais – Kist o Riches

’S e goireas air-loidhne a th’ ann an Tobar an Dualchais a tha ag amas air clàraidhean-fuaim de chultar na h-Alba a thaisbeanadh agus àrdachadh. Tha òrain, ceòl, eachdraidh, bàrdachd, beul-aithris agus sgeulachdan am measg nam prìomh stuthan anns na clàraidhean seo, a chaidh a thogail bho na 1930an suas. Thàinig na clàraidhean bho air feadh Alba agus tha clàraidhean ri fhaighinn ann an Gàidhlig, Albais agus Beurla.

’S e prìomh amas Tobar an Dualchas dèanamh cinnteach gum bi beul-aithris bheairteach na h-Alba air a ghleidheadh agus ri fhaotainn do na ginealaichean ri teachd.

Tha na clàraidhean-fuaim a’ tighinn bho thrì cruinneachaidhean mòra. ’S iad sin: Sgoil Eòlais na h-Alba (Oilthigh Dhùn Èideann);  Cruinneachadh Chanaigh aig Urras Nàiseanta na h-Alba; agus BBC ALBA.

‘S e seo eisimpleir no dhà bhon làraich:

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578