Skip to content
Cùrsa Inntrigidh Zoom

Seiseanan ‘A bheil cuimhne agad?’ – Gràmar agus Còmhradh

Fàilte dha na seiseanan ùra seo, a chàirdean! Bidh sinn a’ bruidhinn air-loidhne aig 08:30–09:15 gach madainn Diciadain.

Bidh beagan gràmair ann an toiseach (à ACI Aonadan 1-12), (mu 20 mion) agus an uair sin, bidh thu a’ bruidhinn ri oileanaich eile ann am buidhnean beaga (coltach ri “Sibh fhèin a-nis!”), agus bidh an t-oide a’ dol eadar na buidhnean sin cuideachd.

Chan e cùrsa slàn a th’ ann idir — bidh thu dìreach a’ ceannach tiogaid a h-uile seachdain a bhios tu ann, airson gach seisean a bhios thu ag iarraidh.

Gheibh thu fiosrachadh Zoom ann am post-d nuair a cheannaicheas tu tiogaid.

Tha clàr-ama a’ chùrsa ri fhaicinn gu h-ìosal, leis na cuspairean gràmair a bhios againn gach seachdain.

Clàr-ama Seiseanan ABC 2025

Bidh e glè mhath a bhith gur faicinn an sin!

Sìleas & Friseal

  • 1Tagh tiogaid
  • 2Daoine
  • 3Pàigheadh
Form/ticket icon icon
Seiseanan 'A bheil cuimhne agad?'
£8.50
Form/up small icon icon Form/down small icon icon
Àitichean ri fhaotainn: Unlimited
Chan eil gin de na tiogaidean "Seiseanan 'A bheil cuimhne agad?' " air fhàgail. 'S urrainn dhut tiogaid no ceann-là eile fheuchainn.
Iomlan: 0

Òraidiche

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578