Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Leabharlann

Bidh fàilte chridheil romhad ann an Leabharlann Sabhal Mòr Ostaig. Gheibh thu a-mach barrachd mu ghoireasan an Leabharlainn is ciamar a bhios tu gan cleachdadh air duilleagan na làraich seo.

'S e rùn Leabharlann Sabhal Mòr Ostaig a bhith a' leasachadh cruinneachadh de ghoireasan air cànan, cultar is dualchas na Gàidhlig a bhios slàn agus coileanta, agus a bhrosnaicheas ionnsachadh, rannsachadh agus sgoilearachd; a' cumail taic ris a' Cholaiste agus i na sàr ionad-foghlaim na Gàidhlig; a' brosnachadh fèin-mhisneachd air a' Ghàidhealtachd a thaobh a litreachais is a cultair fhèin.

Tha Leabharlann Sabhal Mòr Ostaig na leabharlann sgoilearachd ach tha fàilte air daoine on taobh a-muigh a thighinn a-steach airson rannsachadh a dhèanamh.

Uairean-fosglaidh

Tron Teirm :
Diluain - Diardaoin  9.00m - 8.30f
Disathairne - Didòmhnaich  2.00f - 5.00f

Làithean-saora:
Diluain - Dihaoine  9.00m - 5.00f

Inntrigeadh an Leabharlainn air loidhne

Bheir am fiosrachadh seo stiùireadh dhut air ciamar a chleachdas tu an Leabharlann agus ciamar a gheibh thu an tuilleadh fiosrachaidh is taic bho luchd-obrach an Leabharlainn.

Tha Leabhar-làimhe an Leabharlainn ri fhaighinn mar fhaidhle PDF

Cuir fios thugainn

Ceannard an Leabharlainn: Cairistìona Cain, MA(Hons), MSc, DipPsych
Leabharlannaiche: Greg MacThòmais, BA(Hons)
An Leabharlann
Sabhal Mòr Ostaig
An Teanga
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

Fòn: 01471 888447 / 888431
Post-d: sm00ll@uhi.ac.uk

 --}