Skip to content

DÈ THA DOL SAN SGÌRE?

Tha an duilleag seo ag amas air daoine a tha a’ fuireach san Eilean Sgitheanach no faisg air làimh is anns a bheil ùidh ann an clasaichean Gàidhlig air neo tachartasan coimhearsnachd aig Sabhal Mòr Ostaig no anns an sgìre.

Faic gu h-ìosal na tha dol!

LATHA MEASAIDH FICE – AN LÒCHRAN, GLASCHU

Tha sinn air leth toilichte latha measaidh a chur air chois aig An Lòchran ann an Glaschu do luchd-ionnsachaidh a tha airson teisteanas a choisinn aig ìre A1 den Fhrèam Iomraidh Cumanta Eòrpach (FICE).

Cosg : £30 gach duine
Disathairne 07 am Màrt, 09:00m – 03:15f

An Lòchran, Unit 1, 22 Mansfield Street, Partaig, Glaschu G11 5QP

srubag-website

SRÙBAG: COTHROMAN CÒMHRAIDH

Thig còmhla rinn airson chothroman còmhraidh neo-fhoirmeil tro mheadhan na Gàidhlig, is fàilte chridheil ron a h-uile duine!

Ma tha thu aig toiseach do shlighe ionnsachaidh is airson barrachd misneachd a thogail ann a bhith a’ bruidhinn anns a’ Ghàidhlig, no ma tha thu fileanta agus a’ sireadh barrachd chothroman do chuid Gàidhlig a chleachdadh, bidh fàilte bhlàth romhaibh uile.

Cuideachd bidh srùbag is pìos cèic ri fhaighinn an-asgaidh, ‘s mar sin nach tig sibh ann!

Le taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig.

18:00 – 19:00: Luchd-tòiseachaidh gu Eadar-mheadhanach
19:00 – 20:00: Eadar-mheadhanach gu Fileanta
Gach Diluain bhon 08 Sultain 2025
Cafaidh IIN, Sabhal Mòr Ostaig 

Club Fighe Gàidhlig

A’ BLEADRAICH AIR NA BIORAIN

Tha club fighe (is crochet) Gàidhlig againn gach Diardaoin aig àm lòin anns am biadhlann ann an ACC , Sabhal Mòr Ostaig. Tha fàilte air oileanaich, luchd-obrach is daoine às a’ choimhearsnachd tighinn airson beagan fighe a dhèanamh tro mheadhain na Gàidhlig. Chan fheum thu a bhith uabhasach sgileil, agus ‘s urrainn dhuinn do chuideachadh. Chan eil cosgais ann airson seo. Nach cuir thu fios gu Flòraidh aig ma tha ceist sam bith agad.

12:30 – 13:30
Gach feasgar Diardaoin
Am Biadhlann, ACC, Sabhal Mòr Ostaig

Leughadh Còmhla

Buidheann LEUGHAiDH

Tha Leabharlann an t-Sabhail Mhòir toilichte fàilte a chur ort aig a buidhinn-leughaidh.

Bidh a’ bhuidheann seo ag amas air luchd-leughaidh aig ìre eadar-mheadhanach àrd is air adhart, a tha airson misneachd a thogail agus Gàidhlig a chleachdadh tro leughadh ann an suidheachadh càirdeil agus brosnachail.

Gach seachdain, bidh sinn a’ leughadh earrann de sgeulachd còmhla agus a’ cabadaich ma deidhinn. Chan eil feum air an earrann a leughadh ro làimh, ach ma tha thu ag iarraidh fios mun teacsa, no fios sam bith eile, sgrìobh gu .

18:00 – 19:00
Gach feasgar Diardaoin
An Leabharlann, ACC, Sabhal Mòr Ostaig

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578