Skip to content
Cabadaich sa Choimhearsnachd le Iain Urchardan 2026

Cabadaich sa Choimhearsnachd le Iain Urchardan 2026

8 seachdainean (15/09/26 – 03/11/26)
Gach Dimàirt, 7:30f – 8-30f
An Eaglais Shaor, Shepherd’s Way, Port Rìgh

£68 gach neach (£34 dha pàrantan/seann-phàrantan chloinne ann am FtMG)

Tha sinn toilichte innse gu bheil Iain Urchardan gu bhith a’ tilleadh le sreath de chlasaichean dhan choimhearsnachd. Bheir e thugainn fuaimneachadh furasta, briathrachas beairteach, is cothroman cabadaich. Mholamaid comas còmhraidh sa Ghàidhlig airson nan clasaichean seo, is iad freagarrach dha leithid: luchd-ionnsachaidh aig ìre eadar-mheadhanach/adhartach; daoine a chaidh tro FtMG; luchd-labhairt a th’ airson am misneachd a thogail a-rithist; no duine sam bith a tha airson beagan gleans a chur air an cuid Gàidhlig. Bidh fàilte romhaibh!

Tha na clasaichean seo rim faotainn aig leth phrìs do phàrantan is sheann-phàrantan chloinne ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus iad air am maoineachadh le taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig. 

Faodaidh tu am Poileasaidh Dìon Dàta againn a leughadh an seo.

Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig

Ceann-là
15 Sult 2026 - 03 Samh 2026
A' dol an-dràsta…
Uair
This event is still open for booking
19:30 pm - 20:30 pm

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578