Skip to content

Seachdain Cho-cheòltairean le Hamish Napier is Michael Biggins: 17 Lùnastal 2026

Ma dh’fheumas tu àite-fuirich, ‘s urrainnear seo a chur ris a’ bhasgaid às dèidh iarrtas-cùrsa a dhèanamh. Faic an seo airson barrachd fiosrachaidh.

Seachdain Cho-cheòltairean le Hamish Napier is Michael Biggins

Bheir an t-seachdain fa leth seo le Hamish Napier is Micheal Biggins seachad sealladh air dòighean-obrach a bhios luchd-ciùil traidiseanta ‘s proifeiseanta a’ cur gu feum gus puirt is fuinn a rianachadh. Ionnsaichidh tu caochladh mhodhan-rian air an lìbhrigeadh le dòighean eadar-obrachail ‘s dèantanach. Chaidh an cùrsa seo a leasachadh airson ionnsramaidean-ciùil traidiseanta, ach ma bhios ceist sam bith agad air co-fhreagarrachd ionnsramaidean eile, leig fios thugainn.

Gu mì-fhortanach, cha bhi an cùrsa seo freagarrach gu fìor luchd-tòiseachaidh idir: feumar comas eadar-mheadhanach no nas àirde a bhith agad. Ma tha thu nad chluicheadair chlasaigeach gun eòlas air ceòl thraidiseanta, mholamaid gum bu chòir dhut a bhith aig ìre adhartach gus am faigh thu buannachd às. A-rithist, leig fios thugainn ma bhios ceist sam bith agad.

Cleachdaidh an cùrsa seo an dà chuid ionnsachadh air chluais agus leughadh ciùil. Mura h-eil comas ciùil-leughaidh agad, gheibh thu brosnachadh ceum no dhà a leughadh airson an sgil seo a leasachadh, ach chan eilear an dùil gum feumar dad a leughadh sa bhad. Faodaidh oileanaich fuinn ‘s rianan a chlàradh.

‘S e amas a’ chùrsa sgilean ciùil air fad a leasachadh.

 

Mu Mhichael

Michael Biggins at the piano

Tha Michael na chluicheadair de dh’iomadh ionnsramaid às a’ Chaisteal Nuadh bho thùs ach a’ fuireach ann an Glaschu a-nis. Tha e an-dràsta a’ cluich agus a’ dol air chuairt còmhla ri TRIP, The Canny Band, Tom McConville, Northern Company agus Irish Celtic – Spirit of Ireland Dance Show. Chaidh Michael ainmeachadh mar Neach-ciùil Òg Traidiseanta na Bliadhna aig BBC Radio Scotland airson 2021.

Cheumnaich Michael o chionn ghoirid bho Chonservatoire Rìoghail na h-Alba ann an Glaschu fo oideachadh an Ollaimh Sinae Lee air a’ phiàno. Ron a sin, chaidh e gu Sgoil Chiùil Chetham ann am Manchester far an deach oideachadh le Graham Caskie. Rinn Michael sgrùdadh cuideachd leis na cluicheadairean pìano cliùiteach Eileen Bown agus Jean Armstrong a tha stèidhichte sa Chaisteal Nuadh.

A bharrachd air a bhith cluich, bidh Michael cuideachd a’ teagasg piàno, bogsa agus teòiridh ciùil agus tha e air a bhith a’ dèanamh sin airson grunn bhliadhnaichean. Tha 100% de na sgoilearan aige air a bhith soirbheachail sna deuchainnean aca gu ruige seo.

Mu Hamish

Hamish Napier‘S e oide, sgrìobhaiche-ciùil agus ceòladair traidiseanta a th’ ann an Hamish, a bhios a’ seinn, a’ cluich na duiseil ‘s a’ phiàno, air a bhrosnachadh leis an nàdar ‘s dualchas a dhachaigh ann an Strath Spè. Dh’fhuirich e 17 bliadhna anns na h-àrainneachdan beòthail ‘s ioma-sheòrsa ann an Glaschu ‘s Boston. Nuair a thill e dhachaigh o chionn còig bliadhnaichean, thòisich e air “Strathspey Pentalogy”, pròiseact àrd-amasach thairis air deich bhliadhna airson còig clàraidhean ùra a chruthachadh a chaidh a bhrosnachadh le cruth na tìre: Fhuair The River (2016) and The Railway (2018) còig rionnagan ann am pàipearan-naidheachd nàiseanta, agus bhuannaich The Woods (2020) duais “Album of the Year” aig Duaisean Na Trads.

Clàr-ama na seachdaine:

Diluain, Dimàirt agus Diardaoin: 09:30 – 16:30
Diciadain: 09:30 – 15:00 (deiseil tràth)
Dihaoine: 10:00 – 12:30

 

  • 1Tagh tiogaid
  • 2Daoine
  • 3Pàigheadh
Form/ticket icon icon
Standard Price
£320
Form/up small icon icon Form/down small icon icon
Àitichean ri fhaotainn: 11

Please book at Standard Rate unless you are also enrolled in full-time education elsewhere, or on one of our Degree or Distance Learning courses “An Cùrsa Inntrigidh/Adhartais/Diploma” in which case you are entitled to Student Rate.

Chan eil gin de na tiogaidean "Standard Price" air fhàgail. 'S urrainn dhut tiogaid no ceann-là eile fheuchainn.
Form/ticket icon icon
Student
£225
Form/up small icon icon Form/down small icon icon
Àitichean ri fhaotainn: 11
Chan eil gin de na tiogaidean "Student" air fhàgail. 'S urrainn dhut tiogaid no ceann-là eile fheuchainn.
Form/ticket icon icon
Funded
£0
Form/up small icon icon Form/down small icon icon
Àitichean ri fhaotainn: 11

These prices do not include accommodation - add your course to the basket and check room availability here:- https://www.smo.uhi.ac.uk/product-category/rooms/?lang=en Use the "FUNDED" option if your employer or a bursary awarding authority will be paying the College directly on your behalf. Note you must still go through the checkout process to complete the booking, even if the amount payable is £0.

Chan eil gin de na tiogaidean "Funded" air fhàgail. 'S urrainn dhut tiogaid no ceann-là eile fheuchainn.
Iomlan: 0

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578