Clàr Ùr nan Òran Gàidhlig air a Chruthachadh le Tobar an Dualchais agus am BBC
Chaidh leasachadh cudromach a dhèanamh air làrach-lìn Tobar an Dualchais (TAD) a thèid a chur air bhog air Diluain 23 Gearran. Chaidh Clàr nan Òran Gàidhlig a chruthachadh far am bi 700 òran a b’ àbhaist a bhith air làrach-lìn ‘Bliadhna nan Òran’ aig a’ BhBC rim faotainn. Tha an goireas ùr seo a’ gabhail a-steach chlàraidhean-fuaim, faclan òrain, agus eachdraidhean-beatha nan seinneadairean agus nam bàrd a rinn na h-òrain. Bidh seo na bhuannachadh mòr do dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann an òrain Ghàidhlig.
Ghabh an leasachadh seo coileanadh mar thoradh air a’ cho-obrachadh eadar am BBC agus Tobar an Dualchais gus an cruinneachadh sònraichte seo a ghluasad gu dachaigh ùr. https://www.tobarandualchais.co.uk/?l=gd
’S i Jo NicDhòmhnaill a bha os chionn a’ phròiseict ‘Bliadhna nan Òran’. Chaidh a chur air bhog ann an 2010 mar phàirt de bhliadhna shònraichte de dh’òrain aig BBC Radio nan Gàidheal agus chaidh an t-uabhas ùine a chur seachad a’ lorg agus a’ rannsachadh òrain bho Thasglann Ghàidhlig a’ BhBC. Bha daoine air leth measail air a’ ghoireas seo agus tha e-nis air dachaigh ùr fhaighinn air làrach-lìn TAD, le planaichean san amharc gus an goireas a leasachadh agus barrachd òrain a chur ris san àm ri teachd.
Thèid Clàr nan Òran Gàidhlig a chomharrachadh ann an diofar phrògraman air BBC Radio nan Gàidheal ann an Seachdain na Gàidhlig (23 Gearran – 1 Màrt), a’ tòiseachadh le ‘Mire ri Linda’ aig 10.00-12.00 air Diluain 23mh le Linda NicLeòid aig an stiùir. Thèid am prògram a chraoladh bho stiùidio a’ BhBC an Inbhir Nis le seinn bheò bho Chalum Ailig Mac a’ Mhaoilein, Cairistìona Cheanadach, Donnchadh MacLeòid is Emma Scalpaigh NicLeòid. A bharrachd air sin, bidh taghadh de chlàraidhean bho thasglann ‘Bliadhna na Òran’ ri chluinntinn.
Bidh sgeulachdan agus naidheachdan mu na h-òrain, seinneadairean, is bàird a’ nochdadh air ‘Naoi gu Deich’ air madainn Dimàirt agus air madainn Diardaoin.
Thuirt Flòraidh Forrest, Stiùiriche TAD: “Tha Clàr nan Òran Gàidhlig a’ cur gu mòr ri làrach-lìn TAD agus tha sinn fada an comain a’ BhBC airson a bhith ag obair cuide rinn gus susbaint ‘Bliadhna nan Òran’ a ghluasad dhan làraich-lìn againn. Tha an gluasad seo gu TAD a’ ciallachadh gum bi na h-òrain agus am metadata air a ghleidheadh fad iomadh bliadhna ri thighinn.”
Bu toigh leam taing shònraichte a thoirt gu sgioba TAD a rinn obair mhòr gu dìcheallach airson ‘Bliadhna nan Òran’ a leasachadh, le bhith a’ dèanamh rannsachadh a bharrachd air eachdraidhean-beatha nan seinneadairean is nam bàrd, a’ cur dreach Beurla ris a’ ghoireas gus gum bi e fosgailte gu barrachd dhaoine, agus a’ cur barrachd dhealbhan de sheinneadairean is de bhàird ris. Tha obair fhathast ri dhèanamh, agus tha sinn a’ coimhead air adhart anns na mìosan ri teachd ri barrachd eachdraidhean-beatha a chur ris agus cuideachd ceanglaichean dha na diofar dhreachan de dh’òrain a bh’ air an làraich-lìn mar-thà.”
Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceann Seirbhisean Gàidhlig is Ion-ghabhaltas aig a’ BhBC: “Tha sinn cho toilichte gun deach an goireas iongantach, beairteach is iomadh-chuimseach seo, a chaidh a chruthachadh le Jo NicDhòmhnaill agus a chleachdadh le mìltean de dhaoine thairis air na còig bliadhna deug a dh’fhalbh, ùrachadh agus gun d’ fhuair e dachaigh iomchaidh air Tobar an Dualchais. Bheir e cothrom do dhaoine òrain is fiosrachadh a lorg, ath-lorg agus a rannsachadh air ‘Clàr nan Òran Gàidhlig.”
Fhuair TAD maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, Maoin nan Ealan Gàidhlig, agus Urras Brosnachaidh na Gàidhlig a dh’ionnsaigh cosgaisean an leasachaidh.
Thug Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean maoineachadh airson greis-ghnìomhachais ceumnachaidh fad sia mìosan gus cuideachadh leis an leasachadh. Thuirt Claire Rothach, Àrd-mhanaidsear Phròiseactan airson na buidhne: “Bha sinn toilichte taic a chur ris a’ ghoireas ùr-ghnàthach seo de dh’òrain tro phrògram greis-ghnìomhachais teicneòlais aig Ionad Ùr-ghnàthachadh a’ Chinn a Tuath, a tha air a bhith a’ libhrigeadh deagh thoraidhean anns gach ceàrn, le 66 greisean-gnìomhachais ceumnachaidh agus 12 greis-ghnìomhachais oileanaich.
Thug am prògram cothrom do Thobar an Dualchais eòlas didseatach a bharrachd a thoirt dhan leasachadh, a’ neartachadh chomasan teicneòlais TAD agus a’ lorg dhòighean ùra gus daoine a tharraing do dhualchas na Gàidhlig. Tha an leasachadh seo a’ gleidheadh stòras cultarach prìseil agus cuideachd a’ taisbeanadh mar a b’ urrainn do chruthachas, cànan, agus ùr- ghnàthachadh teicneòlais a bhith ag obair còmhla gus buannachdan a thoirt do choimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean.”
Tha na h-eachdraidhean-beatha air Clàr nan Òran Gàidhlig a’ toirt sealladh tarraingeach de bheathannan nan seinneadairean agus nam bàrd agus tha tòrr naidheachdan inntinneach rin lorg nam measg. Mar eisimpleir, Maighstir Iain Mac a’ Mhaoilein à Barraigh a bha na shagart agus na bhàrd agus a dh’fhalbh cuide ri faisg air 300 eilthireach à Barraigh ‘s Uibhist air an t-slighe gu Canada air bòrd an t-soithich am Marloch, leis an dòchas gum biodh beatha na b’ fheàrr aca. Ach bha an dealachadh cianail doirbh do Mhaighstir Iain agus thill e a dh’Alba às dèidh dà bhliadhna. Thug an turas a Chanada brosnachadh dha òrain a sgrìobhadh, a leithid ‘Fàilte do Bharraigh’ agus ‘Seòlaidh Mise A-null gu Dùthaich Mo Rùin’.
Bha Maighstir Iain agus an sgrìobhadair ainmeil Compton MacCoinnich nan deagh charaidean agus b’ ann air Maighstir Iain a stèidhich MacCoinnich an caractar Maighstir Seumas MacAlasdair a tha a’ nochdadh anns an leabhar ‘Whisky Galore’. A rèir coltais, bha Maighstir Iain toilichte leis an dòigh anns an do nochd an caractar seo air film. Dh’fhàg e dìleab cuideachd anns na h-òrain is na laoidhean aige.
Rinn sgioba TAD rannsachadh air Murchadh MacCoinnich, dròbhair agus tuathanach a bhuineadh do sgìre Loch Bhraoin ann an Taobh Siar Rois, a chuir gu mòr ris an eachdraidh-beatha aige. Tha e coltach gun do rinn e grunn òrain, ach gu mì-fhortanach tha a’ mhòr-chuid dhiubh air chall oir chomhairlich a bhràthair-cèile dha na làmh-sgrìobhainnean aige a losgadh. A dh’aindeoin sin, bha meas cho mòr air òrain Mhurchaidh is gun do mhair co-dhiù dà dhiubh ann an clò no ann am beul-aithris. ’S e Òran nan Dròbhairean aon dhiubh, a tha a’ toirt cunntas air obair agus dòigh-beatha an dròbhair – obair a bha deatamach do dh’eaconamaidh na Gàidhealtachd san 18mh agus san 19mh linn.
Tha iomadach bàrd-baile a’ nochdadh air Clàr nan Òran Gàidhlig, a leithid: Aonghas Caimbeul (Am Bocsair) à Nis, Leòdhas; Alasdair MacDhòmhnaill à Antigonish, Alba Nuadh, a sgrìobh mòran òrain a’ moladh na sgìre; agus Eòghann MacColla, Bàrd Loch Fìne, a sgrìobh òrain mar ‘Fòghnan na h-Alba’. Tha taghadh farsaing de sheinneadairean ann, a’ toirt a-steach Evelyn Jeffrey à Leòdhas a bha na seinneadair opara aig Sadler’s Wells.

