Skip to content

Cùrsa Còmhraidh (Adhartach) le Iain Howieson – 22 An Dàmhair 2026

Thèid na clasaichean còmhraidh air-loidhne seo a theagasg gach Diardaoin eadar 19:00 agus 20:30 (ochd seachdainean).

Chaidh an cùrsa còmhraidh seo a tharraing le chèile dhaibhsan aig a bheil deagh thomhas de Ghàidhlig mar-thà, ach a tha airson na comasan aca a thoirt air aghaidh chun na h-ath-ìre gus an urrainn dhaibh an cuid Ghàidhlig a dhèanamh cho siùbhlach is gnàthasach ’s a ghabhas. Ged a thèid cuideam a chur air sgilean labhairt, èisteachd is fuaimneachaidh gach oileanaich a leasachadh, coimheadar cuideachd ri cnàmhan a’ chànain tro abairtean, sean-fhaclan, gnàthasan-cainnt agus dualchainnt.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd Ìre SCQF

  • CertHE An Cùrsa Adhartais
  • Cùrsaichean Goirid an t-Sabhail Mhòir: Gàidhlig Ìre 8, 9 is 10
  • Cùrsa Fhlòdaigearraidh

Mura h-eil thu cinnteach am biodh an ìre seo a’ freagairt ort, na biodh leisg ort idir fòn no post-d a chur thugainn.

 

 

Ceann-là
22 Dàmh 2026 - 10 Dùbh 2026
A' dol an-dràsta…
Uair
19:00 pm - 20:30 pm
Àite
Sabhal Mòr Ostaig
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, IV44 8RQ

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578