Skip to content

Yoga airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air Zoom – Air-loidhne: 22 Dàmhair 2026

Thèid an clas seo a theagasg eadar 08:00 ‘s 08:30 madainn Diardaoin (Ceithir Seachdainean).

Anns a’ chlas eacarsaich aotrom seo bidh sinn a’ dèanamh measgachadh eadar yoga agus Pilates gus ar corp a shìneadh agus a neartachadh ann an dòigh fhallain. Bidh seo dà-chànanach , freagarrach do dhaoine a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig.

Cuir ort aodach cofhurtail sùbailte, thoir dhiot do bhrògan is stocainnean agus cleachd mat yoga no brat ùrlair.

Ma tha tinneasan sam bith agad, dèan cinnteach gu bheil an dotair agad ag aontachadh gum biodh yoga math dhut.

 

 

 

 

Chan eil tiogaidean Standard Price ri fhaotainn a-nis!
Chan eil tiogaidean Student ri fhaotainn a-nis!
Chan eil tiogaidean Funded ri fhaotainn a-nis!
Ceann-là
22 Dàmh 2026 - 12 Samh 2026
Uair
08:00 am - 08:30 am
Àite
Sabhal Mòr Ostaig
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, IV44 8RQ
CLÀRAICH

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578