Skip to content

Fuaim-eòlas Sìmplidh na Gàidhlig – Air-loidhne: 19 Dàmhair 2026

Thèid an cùrsa seo a theagasg eadar 19:00 ‘s 20:30 gach oidhche Luain (sia seachdainean).

Ionnsaich sgil prataigeach, a’ cleachdadh na h-aibidile fuaim-eòlaich, airson do chuid Gàidhlig a leasachadh!

‘S e cothrom air leth a tha anns a’ chùrsa seo airson fuaim-eòlas gu leòr ionnsachadh gus an urrainn do dh’oileanaich faclan Gàidhlig a thar-sgrìobhadh agus am fuaimneachadh. Seo deagh sgil a th’ ann gus briathrachas ùr ionnsachadh, diofaran beaga ann am fuaimneachadh thar dualchainntean na Gàidhlig a mhothachadh agus fèin-mhisneachd a thogail nad chuid labhairt.

Bithear a’ coimhead gu h-àraidh ri fuaim-eòlas furasta airson ionnsachadh cànain thar a’ chùrsa; connragan is fuaimreagan agus mar a nì thu tar-sgrìobhadh orra; pròiseasan fuaim-eòlach cumanta anns a’ Ghàidhlig; mu dheidhinn na riaghailt ‘caol ri caol agus leathann ri leathann’ (caolachadh); beum-gutha agus tònachd anns a’ Ghàidhlig. Cleachdaidh oileanaich tar-sgrìobhadh fuaim-eòlach agus nì iad ath-sgrùdadh air fuaimneachadh nam faclan bunaiteach gach latha.

Tha an cùrsa seo fosgailte do dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann am fuaimean is fuaimneachadh na Gàidhlig. Chan fheum eòlas sam bith a bhith aig oileanaich air fuaim-eòlas no cànanachas – seo cùrsa airson luchd-tòiseachaidh. Aig deireadh a’ chùrsa, bidh na h-oileanaich air sgilean prataigeach a leasachadh tron aibidil fhuaim-eòlaich gus an t-eòlas aca air a’ Ghàidhlig a neartachadh.

Thèid an cùrsa seo a theagasg tron Bheurla ach tha iomadh cothrom ann faclan agus abairtean Gàidhlig a chleachdadh.

 

Aig deireadh a’ chùrsa, bu chòir gum bi an t-oileanach comasach air

• faclan agus abairtean sìmplidh sa Ghàidhlig a sgrìobhadh ann an IPA ann an dòigh fheumail, phroifeiseanta.
• fuaimean eadar-dhealaichte anns a’ Ghàidhlig a shònrachadh a thaobh chonnragan agus fhuaimreagan.
• bun-bheachdan mar chaolachadh, sèimheachadh, srònachadh, agus ro-analachadh a mhothachadh agus a thar-sgrìobhadh.
• fuaimean a tha diofraichte ann am faclan ann an dual-chainntean eadar-dhealaichte a shònrachadh.

Mu Rob Painter

Tha Rob Painter na Ollamh Cànanachais aig Oilthigh Northeastern ann am Boston, agus bidh e a’ teagasg chùrsaichean air fuaim-eòlas, morf-eòlas agus sòisio-chànanachas gu tric aig a h-uile ìre. Tha e roimhe air Gearmailtis is Laideann a theagasg aig diofar sgoiltean agus cholaistean. Tha Rob air prògram thall thairis anns an Eilean Sgitheanach a stiùireadh air obair-rannsachaidh ann an cànanachas fad grunn shamhraidhean, ann an co-bhonn le Sabhal Mòr Ostaig. Tha e air a dhòigh gu bheil cothrom aige an cùrsa seo a thoirt seachad do luchd-ionnsachaidh agus luchd-labhairt na Gàidhlig.

 

Ceann-là
19 Dàmh 2026 - 23 Samh 2026
A' dol an-dràsta…
Uair
19:00 pm - 20:30 pm
Àite
Sabhal Mòr Ostaig
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, IV44 8RQ

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578