Almut Boehme, Neach-glèidhidh a’ Chiùil, Leabharlann Nàiseanta na h-Alba
Diciadain 24 Sultain 2025 | 13:00
Seòmar Shomhairle, IIN, Sabhal Mòr Ostaig
Bidh an seiminear seo cuideachd beò air-loidhne. Clàraich gu h-ìosal is thèid ceangal a chur thugad air latha an t-seimineir.
Tha an cruinneachadh as motha de cheòl Albannach aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. Bheir Neach-glèidhidh a’ Chiùil, Almut Boehme, sealladh farsaing air na cruinneachaidhean ciùil agus goireasan ciùil feumail do luchd-rannsachaidh aig gach ìre, air a turas gu Sabhal Mòr Ostaig. Bidh seo a’ toirt a-steach ro-ràdh don cheòl làn-theacsa a tha ri fhaighinn ann an Gailearaidh Didseatach na Leabharlainn, cothroman sgoilearachd didseatach tro Ionad Dàta na Leabharlainn, agus ruigsinneachd iomallach gu seirbheisean ballrachd leithid Oxford Music Online agus Naxos. Bruidhnidh Almut cuideachd mu thionndadh catalog agus mu stòr-dàta pìleat clàr-amais òran na h-Alba, an dà chuid dhiubh a’ tabhann chothroman ùra do luchd-rannsachaidh ciùil na h-Alba.

