CLUB IRISE
Chaidh Club Irise Shabhal Mòr Ostaig a chur an gnìomh do dhaoine aig a bheil ùidh ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air neo foghlam bogaidh aig gach ìre – sgoil-àraich, bun-sgoil, àrd-sgoil no oilthigh – agus a tha a’ sireadh barrachd chothroman ionnsachaidh proifeiseanta.
Aig gach seisean, lìbhrigidh eòlaiche foghlaim taisbeanadh goirid (mu 20 mionaid) air pàipear rannsachaidh inntinneach le ceangal do dh’fhoghlam Gàidhlig san latha a th’ ann. Bidh cothrom ann an uair sin airson beagan deasbaid agus còmhraidh mun rannsachadh ann an co-theacs Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Chithear clàraidhean bho 2021 agus 2022 aig bonn na duilleige.
CLUB IRISE 2023
Tha sinn a’ ruith sreath de cheithir seiseanan-lìn eadar an Gearran agus an Cèitean 2023.
CINN-LÀ 2023
Diardaoin, 23 Gearran 2023
Diardaoin, 23 Màrt 2023
Diardaoin, 20 Giblean 2023
Diardaoin, 18 Cèitean 2023
Tha tiogaidean an-asgaidh, agus bidh na seiseanan air fad a’ tòiseachadh aig 7.30f. Gus àite a ghlèidheadh dhut fhèin, cliog air a’ phutan Eventbrite gu h-ìosal.
FIOSRACHADH SEISEIN
Sreath 3, Seisean 1 – 23 Gearran 2023, 7.30f
Pàipear:
Piers Messum and Roslyn Young. 2021. “Teaching students to pronounce English: a motor skill approach in the classroom.”
Òraidiche:
An Dr Tim Armstrong, Sabhal Mòr Ostaig
Sreath 3, Seisean 2 – 23 Màrt 2023, 7.30f
Òraidiche:
Iain Mac an Tàilleir
Sreath 3, Seisean 3 – 20 Giblean 2023, 7.30f
Pàipear:
Met, M (2009) Paying Attention to Language: Literacy, Language and Academic Achievement. In T. W. Fortune and D. J. Tedick (eds.). Pathways to Multilingualism: Evolving Perspectives on Immersion Education. Clevedon: Multilingual Matters, 49-71.
Òraidiche:
An Dr Màiri Anndra
Sreath 3, Seisean 4 – 18 Cèitean 2023, 7.30f
Pàipear:
“Going For A Song: Supporting Language Acquisition in Gaelic 0-3 Groups”
Òraidiche:
Lisa NicDhòmhnaill