BA Le Urram Gàidhlig agus Leasachadh
DUAIS:DÒIGHEAN IONNSACHAIDH:
DÈ CHO FADA:
CÒD:
NEACH-STIÙIRIDH: Mark Wringe
CUIR FIOS: Eilidh Grant ( )
MÌNEACHADH
Tha am BA air astar stèidhichte aig SCQF 9 agus tha e an aon rud ri Ìre 3 den cheum BA air taobh a-staigh na Colaiste. Gu h-àbhaisteach, tha am BA air astar ga dhèanamh pàirt-ùine.
Tha an cùrsa seo ag amas air oileanaich a thrèanadh ann an leasachadh na Gàidhlig agus leasachadh choimhearsnachdan. Tha cothroman obrach a’ leudachadh san roinn seo, leis gum feum buidhnean oifigearan cànain comasach fhastadh, airson planaichean Gàidhlig a dhealbh, a rèir iarrtasan Achd na Gàidhlig 2005.
Bidh thu a’ dèanamh choimeasan eadar coimhearsnachdan na Gàidhlig agus mion-chànanan agus cultaran eile ann an Èirinn, a’ Chuimrigh, tìr-mòr na Roinn Eòrpa, Lochlann agus Ameireaga a Tuath.
SUSBAINT
Tha 6 modalan ri dhèanamh aig ìre 3, air an dèanamh suas le modalan riatanach (a bhios a’ ruith aig gach ìre tro gach prògram an cumantas) agus modalan spèisealta.
Feumaidh oileanach Modal Roghainneil a dhèanamh, .i.e. modal a thèid a thaghadh aon chuid bhon cheum a tha ga dhèanamh, bho cheum eile san Sgeama no, le cead Stiùiriche a’ Phrògraim, bho cheum eile aig OGE, cho fad ‘s a bhios am modal ri fhaighinn ann an cruth astair. (Is ann sa Bheurla, mar as trice, a thèid modalan a lìbhrigeadh bho cheumannan bho thaobh a-muigh na Sgeama.) Faodaidh am modal seo a bhith aig Ìre SCQF 8, SCQF 9 no SCQF 10.
Gus am BA a thoirt a-mach, bidh oileanaich a’ dèanamh dà mhodal Riatanach na Sgeama, trì modalan bho phrògram Gàidhlig agus Leasachadh, is aon mhodal Roghainneil.
Ìre 3 (SCQF 9) | Modal | Àireamh mhodalan ri dhèanamh |
Modalan Riatanach | Gàidhlig 3
Sgilean Rannsachaidh
|
2 |
Modalan Gàidhlig agus Leasachadh | Poileasaidh is Plana Cànain 1
Mothachadh Cànain Dlùth-chruinneas agus Coimhearsnachdan Iomallach Leasachadh Coimhearsnachdan Gàidhlig: Sgilean Pragtaigeach Leasachadh Choimhearsnachdan san 21mh linn Nàiseantachd agus Fèin-Aithne Nàiseanta |
3 |
Modal Roghainneil | Feallsanachd Eòrpach
Modal air astar eile bho SCQF ìre 8, 9,10 |
1 |
Feumaidh cothrom a bhith aig oileanaich air acfhainn coimpiutair a fhreagras feumalachdan nam modalan fa leth.
Am bitheantas, bidh seo a’ toirt a-steach na leanas: coimpiutair agus ceangal ris an Eadar-lìon; sealladair lìn (a leithid Firefox no Internet Explorer); agus prògram puist-dealain’ ‘s e Microsoft Office 365 am prògram a chleachdas luchd-teagaisg gus conaltradh ri oileanaich. Feumaidh cothrom a bhith aig oileanaich cuideachd air fòn airson chlasaichean oide fòn. Cha bu chòir fon-làimh no Skype a chleachdadh, oir bidh iad ag adhbhrachadh trioblaidean fuaim sa chlas.
Tha goireasan ionnsachaidh airson mhodalan a thèid a theagasg air astar air an cur ri chèile agus rim faighinn air Blackboard (an àrainn foghlaim mas-fhìor aig OGE). An dèidh clàradh, gheibh oileanaich cead agus cothrom air an stuth air Blackboard.
Mar as trice, bidh 2 chlas oide fòn gach seachdain mu choinneimh gach modail’ uairean rin dearbhadh. Gheibh oileanaich liosta de chlasaichean oide, de mheasaidhean agus de stuthan ionnsachaidh aig toiseach gach semeastair.
MODALAN RIATANACH
Module Code: UQ510850
Credits: 20
‘S e a th’ ann ann an amas a’ mhodail seo ach togail agus leudachadh a thoirt air na sgilean eadar-theangachaidh a fhuair oileanaich ann an Gàidhlig 3 (SCQF Ìre 9); bidh iad a’ fàs eòlach air eadar-theangachadh mar raon sgoilearachd fa leth; bidh iad a’ cur an tuilleadh eòlais air eadar-theangachadh gu practaigeach agus gu teòiridheil fhad ‘s a thèid iad air adhart tro obair a’ mhodail.
As dèidh crìoch a chur air a mhodal, bu chòir gu tèid aig oileanaich:
- Dearbhadh gu bheil briathrachas agus comasan cànain aca leathann gu leòr gus iarratasan a’ mhodail a thaobh bhun-smuaintean agus teòiridheachd a ghabhail os làimh.
- Mìneachadh is meòrachadh iomchaidh a thoirt air bun-tùsan; aithneachadh is cur an cèill caochladh rèimichean cànain is stoidhlichean sgrìobhaidh ann an Gàidhlig; caochladh ghoireasan briathrachais a chur gu feum; obair dearbhaidh agus obair deasachaidh a dhèanamh.
- Breithneachadh is measadh a thoirt air caochladh dhòighean-obrach a thaobh an eadar-theangachaidh agus iad seo a thoirt gu buil; tuigse fhaotainn, agus sin a chur an cèill, a thaobh diofar chuspairean cultarach agus poilitigeach a tha an cois eadar-theangachaidh.
MODALAN ROGHAINNEIL
Module Code: UD410783
Credits: 20
Thèid iarraidh air oileanaich sùil bhreithach a chur air na prìomh dhùbhlain a tha fa chomhair an t-saoghail an-diugh, an leithid èiginn na gnàth-shìde, gainnead stòrasan, agus eaconamaidhean ann an staing.
Measaidh iad am pàirt a bh’ aig dlùth-chruinneas ann a bhith a’ cruthachadh nan dùbhlan seo.
An uair sin le bhith sgrùdadh teòraidhean leasachadh seasmhachd, a’ measadh ciamar as urrainn coimhearsnachdan beaga dèiligeadh leis na dùbhlain seo agus leasachadh a tha da-rìribh seasmhach a chur an sàs – ‘s e sin mar a mhìnich Brundtland, leasachadh a bhios a’ coileanadh fheumalachdan an-diugh gun a bhith milleadh comas nan ginealachdan ri teachd an cuid fheumalachdan a coileanadh.
An dèidh dhaibh crìoch a chur air a’ mhodal, bu chòir do oileanaich a bhith comasach air:
- sealltainn eòlas mionaideach agus tuigse air mar a tha dlùth-chruinneas a’ tachairt, agus ciamar a tha buaidh aige air coimhearsnachdan dùthchail.
- diofar theòraidhean a thaobh leasachadh dùthchail a mheasadh, agus sùil gheur a chur air ciamar a thèid an cur an sàs ann an leasachadh dùthchail.
- dòigh-obrach geur-chùiseach, eagarach a shealltainn ann a bhith a’ cruinneachadh agus a’ mìneachadh fiosrachadh ann am pròiseact air cuspair a’ buntainn ri leasachadh choimhearsnachdan ann an saoghal a tha dùbhlanach.
Module Code: UG110842
Credits: 20
Bheir am modail seo cothrom do dh’oileanaich dol an sàs ann an anailis bhreitheach is bhreithneachail air poileasaidhean mion-chànain a tha gan cur an gnìomh ann an diofar àitichean-obrach air feadh Alba agus thall thairis.
An dèidh dhaibh crìoch a chur air a’ mhodal, bu chòir do oileanaich a bhith comasach air:
- leasachadh tuigsinn air teòiridhean mu choinneamh ath-bheothachadh cànain san àite-obrach
- toirt fa-near do na dùbhlain is bacaidhean ann a bhith a’ cur gu feum mhion-chànanan ann an àrainneachdan oifigeil is foirmeil.
- anailis air modhan-obrach eile stèidhichte air Còraichean a’ Chinne-Daonna a chum poileasaidhean cànain agus seirbhisean cànain a thoirt seachad.
- aithneachadh agus breithneachadh air deagh-chleachdaidhean ann am poileasaidh cànain san àite obrach.
- comas a thoirt do dh’oileanaich poileasaidh is plana cànain a thionnsgnadh airson cur an gnìomh ann am buidheann nach eil an sàs, gu ruige seo, ann an leasachadh cànain.
FEUMALACHDAN INNTRIGIDH
Ma shoirbhicheas le oileanaich aig Ìre 2 (SCQF 8) de Sgeama na Gàidhlig is Chuspairean Co-cheangailte, bidh aca ri tighinn suas ris na feumalachdan adhartais mus tèid iad bho Ìre 2 gu Ìre 3:
a. Feumaidh oileanaich air an Dioplòma 50% aig a’ char as lugha fhaighinn ann an Gàidhlig 2 agus 40% aig a’ char as lugha fhaighinn anns na modalan eile a rinneadh aig SCQF ìre 8.
b. Gheibh oileanaich eile a-steach le cead bho Roinn an Fhoghlaim, ma thèid a cho-dhùnadh gu bheil iad comasach air amasan Ìre 3 a choileanadh agus slatan-tomhais am BA a ruigsinn, agus cuideachd gu bheil iad comasach air a’ Ghàidhlig a chur an cleachdadh aig an ìre inntrigidh cheart.
A’ cur a-steach iarrtas
Ma shoirbeachas le oileanaich BA fhaighinn, bidh cothrom aca BA (le Urram) Gàidhlig is Leasachadh air astar no aig a’ Cholaiste a dhèanamh.
COSGAISEAN A’ CHÙRSA 2025/26
* Anns a’ mhòr-chuid de chùisean, thèid na cìsean aig oileanaich a tha a’ fuireach ann an Alba a phàigheadh le Buidheann Thabhartasan Oileanach na h-Alba (SAAS) agus dh’fhaodadh gum bi iad airidh air taic cosgais bith-beò.
Fo-cheum, oileanaich làn-ùine
Cìs gach bliadhna airson cùrsa 120 creideas
Oileanaich pàirt-ùine, air astar, cìs gach modail
Modalan 15 creideas rim faighinn sa Chùrsa Adhartais a-mhàin.
Gheibh thu cosgaisean airson gach dòigh ionnsachaidh agus gach cùrsa an seo (PDF)