CertHE Gàidhlig is Conaltradh
DUAIS: Teisteanas Foghlam Àrd-ìreDÒIGHEAN IONNSACHAIDH: Air an Làraich,Làn-ùine
DÈ CHO FADA: 1 BHLIADHNA
CÒD: QP59
NEACH-STIÙIRIDH: An Dr Timothy Currie Armstrong
CUIR FIOS: Eilidh Grant ( )
MÌNEACHADH
Tha an Teisteanas Foghlam Àrd-ìre (CertHE) Gàidhlig is Conaltradh na chùrsa dian, bogaidh fad bliadhna ga amas air oileanaich a tha reusanta fileanta agus a tha ag iarraidh piseach luath a thoirt air an cuid Gàidhlig. A rèir an comasan Gàidhlig, nì ar n-oileanaich BA (Urram) uile an dàrna cuid Gàidhlig is Conaltradh no An Cùrsa Comais anns a’ chiad bhliadhna aca aig a’ Cholaiste. Cuideachd, faodar CertHE Gàidhlig is Conaltradh a dhèanamh mar chùrsa bogaidh fa leth fad-bliadhna. Air a’ chùrsa seo, gabhaidh oileanaich pàirt anns a’ choimhearsnachd gu tur-Gàidhlig againn aig Sabhal Mòr Ostaig gus piseach luath a thoirt air an sgilean labhairt, èisteachd, sgrìobhaidh agus leughaidh anns a’ Ghàidhlig. Tha sinn an dùil gun tig oileanaich gu Sabhal Mòr Ostaig deiseil agus deònach a’ Ghàidhlig a chleachdadh fad na h-ùine agus anns a h-uile àite air àrainn na Colaiste.
Cuiridh SAAS na riaghailtean a thaobh cùrsaichean a rinneadh roimhe an dàrna taobh airson chùrsaichean bogaidh Cert HE aig Sabhal Mòr Ostaig. Faodaidh oileanaich a tha air maoineachadh fhaighinn airson ceum no teisteanas HN maoineachadh fhaighinn airson a’ chùrsa seo fhathast.
Ma nithear an cùrsa bogaidh Cert HE ro chùrsa eile (m.e. HNC no ceum), cha tèid a chunntadh mar chùrsa eile. Airson tuilleadh fiosrachaidh, faic: Ionnsachadh roimhe – SAAS
SUSBAINT
Tha an cùrsa CertHE Gàidhlig is Conaltradh air a dhealbhadh do dh’oileanaich a tha ìre mhath comasach anns a’ Ghàidhlig agus a tha ag iarraidh nan comasan aca a leasachadh ann an àrainneachd gu tur Gàidhlig. ’S e cùrsa bogaidh, dìon a tha seo a bhios gad dheiseileachadh airson a dhol air adhart dhan dàrna bliadhna dhe na cùrsaichean BA no BA (Urram) aig Sabhal Mòr Ostaig. Sgrùdaidh tu litreachas, leasachadh na Gàidhlig, sgrìobhadh cruthachail (sgeulachdan goirid agus òrain), agus labhairt phoblach. Cuideachd, sgrùdaidh tu a’ Ghàidhlig fhèin ann an doimhneachd, a’ gabhail a-steach fuaimneachadh, gràmar, briathrachas, cleachdadh agus rèimean-cainnte àrda. Aig deireadh a’ chùrsa seo, tuigidh, bruidhnidh, leughaidh, agus sgrìobhaidh tu a’ Ghàidhlig le misneachd agus chun na h-ìre gum b’ urrainn dhut làn phàirt a ghabhail ann an gach roinn de shaoghal na Gàidhlig anns an latha an-diugh.
Prìomh Feartan Cùrsa
- Ionnsaich a’ Ghàidhlig gu fìor àrd-ìre ann an àrainneachd gu tur Gàidhlig;
- Leugh is bruidhinn mu dheidhinn seachd nobhailean Gàidhlig;
- Sgrìobh sgeulachdan, òrain agus aistean anns a’ Ghàidhlig;
- Leugh altan sgoileireil anns a’ Ghàidhlig;
- Cuir dà thionnsgnadh leasachaidh Ghàidhlig air dòigh air àrainn na Colaiste;
- Gabh pàirt ann an greis-ghnìomhachais fad trì seachdainean anns a’ Ghàidhlig.
MODALAN RIATANACH
Module Code: UQ507230
Credits: 20
‘S e fàth a’ mhodail seo a bhith toirt seachad dealbh air carson a tha a’ Ghàidhlig san t-suidheachadh sa bheil i an-diugh. Airson seo a thuigsinn, tha am modail ann an dà leth. Sa chiad leth, bheirear sùil air fàs agus crìonadh na Gàidhlig tro eachdraidh. San dàrna leth, bidh sinn a’ coimhead air na h-adhbharan sòiseo-phoileataigeach a bha air cùl ath-bheòthachadh na Gàidhlig, gu h-àraidh bho na 1970an a-mach.
An dèidh dhaibh crìoch a chur air a’ mhodal, bu chòir do dh’oileanach a bhith comasach air:
- Sealltainn tuigse air na factaran cultarach, eachdraidheil, cruinn-eòlasach agus cànanach a th’ air cumadh a chur air a’ Ghàidhealtachd;
- Sealltainn mothachadh air cùisean poileataigeach, sòisealta, cultarach agus eaconamach aig a bheil buaidh air a’ Ghàidhealtachd an-diugh;
- Sealltainn tuigse air na buaidhean a tha a’ cur ri fèin-aithne a chruthachadh agus a chumail suas sa Ghàidhealtachd;
- An t-eòlas agus an tuigse bhon mhodal a chur an sàs ann am pròiseact air coimhearsnachd no cuspair a’ buntainn ris a’ Ghàidhealtachd, agus na tùsan gan sealltainn gu ceart.
Module Code: UQ507232
Credits: 20
Anns a’ mhodail seo, bidh thu a’ cur eòlas air diofar sheòrsachan de litreachas sa Ghàidhlig – sgeulachdan goirid, dràma agus bàrdachd. Le bhith a’ leughadh an stuth seo, bidh thu a’ cur ris an eòlas agad air a’ Ghàidhlig, an dà chuid faclan agus gnathasan cainnt, ann an dòigh thlachdmhor. Bidh thu cuideachd ag ionnsachadh mu bhreithneachadh litreachais agus mu na faclan teicnigeach ceangailte ris.
Às dèidh crìoch a chur air a’ mhodal, bu chòir na leanas a bhith aig oileanaich:
- Comasach air dòighean obrach iomchaidh a thaobh breithneachadh litreachais;
- Comasach air dlùth-leughadh a dhèanamh air raon farsaing de litreachas Gàidhlig;
- Comasach air beachdan a chur an cèill a tha bonntaichte air breithneachadh agus dearbhadh;
- Comasach air briathrachas Gàidhlig freagarrach a thaobh iarrtasan a’ mhodail a chleachdadh;
- Comasach air sgrìobhadh sa Ghàidhlig aig ìre iomchaidh.
Module Code: UQ507229
Credits: 20
Tha am modal seo ag amas air cothrom a thoirt do dh’oileanaich a bhith a’ cleachdadh Gàidhlig gu misneachail agus gu h-èifeachdach ann an suidheachadh obrach.
Cuiridh an t-oileanach seachad trì seachdainean air greis-gnìomhachais agus aig an deireadh bidh aca ri leabhar-latha is aithisg luachaidh a sgrìobhadh, a’ dèanamh cunntas air na dh’ionnsaich iad agus mar a chaidh leotha a thaobh coileanadh an cuid amasan.
An dèidh dhaibh crìoch a chur air a’ mhodal, bu chòir do dh’oileanaich a bhith comasach air:
- Sealltainn na sgilean pearsanta a bhios a dhìth airson leasachadh pearsanta èifeachdach, a thaobh sgilean cànain agus sgilean obrach;
- Sealltainn gun urrainn dhaibh greis-gnìomhachais a phlanadh agus pàirt a ghabhail ann a bhith ga chur air dòigh;
- Sealltainn gun urrainn dhaibh greis-gnìomhachais a ghabhail os làimh agus a chrìochnachadh;
- Luachadh a dhèanamh air greis-gnìomhachais an uair a bhios e deiseil.
Module Code: UQ507242
Credits: 20
Tha am modal seo air a dhealbhadh do dh’oileanaich a chaidh tro dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns a’ bhunsgoil agus anns an àrdsgoil, no do dh’oileanaich eile a tha reusanta fileanta anns a’ Ghàidhlig, agus a tha ag iarraidh Gàidhlig àrd-ìre a choisinn.
Anns a’ mhodail seo, thèid sibh thairis air sructar na Gàidhlig air fad, bho fhuaimneachadh gu prosaid, gràmar, briathrachas, gnàthasan-cainnte, stoidhlichean dioscursa, agus rèimean-cainnte foirmeil agus mì-fhoirmeil.
Le a bhith a dèanamh a mhodal seo, tha ar an dùil:
- Gum fàs sibh cleachdte ri bruidhinn na Gàidhlig mar cànan àbhaisteach sòisealta ri Gàidheil eile;
- Gun leasaich sibh a’ Ghàidhlig labhairte agaibh gus an tèid ur n-aithneachadh mar sàr labhraichean a chleachdas Gàidhlig bheartach, chuimseach agus thraidiseanta;
- Gun tèid ur misneachadh mar Ghàidheil litearra inntleachdail a leughas agus a sgrìobhas anns a’ Ghàidhlig gu comhfhurtail agus gu gnàthasach;
- Gum buannaich sibh sgilean acadaimigeach oilthigh a thaobh rannsachadh, làimhseachadh thùsan, eagrachadh thionnsgnaidhean, sgrìobhadh agus leughadh;
- Gum meal sibh an cùrsa agaibh; gun tèid ur dùbhlanachadh gu h-acadaimigeach; agus gun lean sibh oirbh gu dreuchd thorach ann an saoghal na Gàidhlig ann an Alba.
Module Code: UQ507241
Credits: 20
Dè tha e a’ ciallachadh dhuinn a bhith nar Gàidheil anns an 21mh linn? Ciamar a tha a’ Ghàidhlig ga cleachdadh anns an latha an-diugh, air a’ Ghàidhealtachd, no anns a’ bhaile mhòr? Ciamar a tha e coltach a bhith an sàs ann an iomairt na Gàidhlig? Dè dh’fheumas sinn dèanamh gus a’ Ghàidhlig a chleachdadh bho latha gu latha anns an aona linn air fhichead?
Anns a’ mhodal seo, bidh sinn ag obair air Gàidhlig labhairte agus sgrìobhte aig àrd-ìre, ach aig a’ cheart àm, nì sinn sgrùdadh air cultar nan Gàidheal anns an latha an-diugh, le fòcas sònraichte air an nobhail Ghàidhlig mar am meòrachadh as fheàrr a th’ againn air fèin-aithne nan Gàidheal anns an aona-linn air fhichead.
Le a bhith a dèanamh a mhodal seo, tha ar an dùil:
- Gum fàs sibh cleachdte ri bruidhinn na Gàidhlig mar cànan àbhaisteach sòisealta ri Gàidheil eile;
- Gun leasaich sibh a’ Ghàidhlig labhairte agaibh gus an tèid ur n-aithneachadh mar sàr labhraichean a chleachdas Gàidhlig bheartach, chuimseach agus thraidiseanta;
- Gun tèid ur misneachadh mar Ghàidheil litearra inntleachdail a leughas agus a sgrìobhas anns a’ Ghàidhlig gu comhfhurtail agus gu gnàthasach;
- Gun tèid ur brosnachadh a bhith a’ gabhail pàirt ann an cultar nan Gàidheal gu gnìomhach, mar an cultar beò agaibh fhèin, seach cultar a sgrùdas sibh mar chuspair bhon taobh a-muigh;
- Gum fàs sibh eòlach air ath-bheothachadh na Gàidhlig, gur tuigsinn fhèin mar iomairtichean Gàidhlig, a’ neartachadh cor na Gàidhlig aig a’ Cholaiste agus nur beatha san fharsaingeachd;
- Gum buannaich sibh sgilean acadaimigeach oilthigh a thaobh rannsachadh, làimhseachadh thùsan, eagrachadh thionnsgnaidhean, sgrìobhadh agus leughadh;
- Gum meal sibh an cùrsa agaibh; gun tèid ur dùbhlanachadh gu h-acadaimigeach; agus gun lean sibh oirbh gu dreuchd thorach ann an saoghal na Gàidhlig ann an Alba.
MODALAN ROGHAINNEIL
Module Code: UW307227
Credits: 20
Bidh oileanaich ag obair ann an còmhlain airson pìosan ciùil (rin seinn agus rin cluich) a chruthachadh. Thèid na pìosan ciùil sin a chluich air beulaibh dhaoine, ann an suidheachadh cuirm ciùil, agus ann an deuchainn.
A bharrachd air a seo, bidh oileanaich ag ionnsachadh briathrachas-ciùil.
Gheibh gach oileanach teagasg fa leth anns a’ chuspair spèisealta a tha iad fhèin a’ taghadh. Thèid mu 91 uairean a chosg ag obair air cuspair spèisealta an oileanaich, le mu 24 uairean air teagasg aon-ri-aon agus 65 uairean air teagasg còmhlain. Gheibhear teagasg air seinn, mar bhuidheann, airson 24 uairean sa bhliadhna.
An dèidh crìoch a chur air a’ mhodal, bu chòir don oileanach a bhith air ionnsachadh:
- Sgilean taisbeanaidh/cluiche iomchaidh a thaobh cuspair spèisealta an oileanaich;
- Sgilean còmhlain a thaobh cuspair spèisealta an oileanaich agus seinn mar bhuidheann;
- Tuigse air briathrachas ciùil.
Module Code: UW307228
Credits: 20
Anns a’ mhodal seo, ionnsachaidh oileanaich mu dheidhinn ruitheam, structar agus cothromachadh (composition) ann an ceòl Gàidhlig. Cuideachd, gheibh iad deagh thuigse air teòiridh ciùil, còrdan agus briathrachas ciùil Ghàidhlig. Tha seiseanan ann mu dheidhinn riochdachadh fuaim anns an stiùidio cuideachd. Tha am modal seo air a lìbhrigeadh uair san t-seachdain thairis air semeastar 1 agus 2.
An dèidh crìoch a chur air a’ mhodal, bidh na sgilean a-leanas aig an oileanach:
- Tuigse air teòiridh ciùil bunaiteach agus briathrachas sa Ghàidhlig co-cheangailte ris a’ chuspair;
- Sgilean bunaiteach cothromachaidh agus cruthachaidh;
- Eòlas air bathar-bog Sibelius a chleachdadh airson pìosan ciùil grinn is mionaideach a chruthachadh.
Module Code: UQ507234
Credits: 20
Tha am modal seo ag amas air cothrom a thoirt do dh’oileanaich aithne a chur air ruigse fharsaing de sgeulachdan is òrain ann an dualchas na Gàidhlig, agus an aire a thoirt chun an àite a tha aig an dà chuid ann an sgoilearachd na Gàidhlig.
Tha am modal ag amas cuideachd air briathrachas oileanaich a mheudachadh agus an tuigse air dual-chainntean is ghnàthasan-cainnte a leasachadh.
An dèidh crìoch a chur air a’ mhodal, bu chòir don oileanach a bhith comasach air na leanas:
- Sealtainn gu bheil iad air sgilean tar-sgrìobhadh ionnsachadh agus gu bheil iad comasach air na sgilean a’ chur an gnìomh.
- Tuigse a nochdadh air ruigse fharsaing de dh’òrain air an lìbhrigeadh le seinneadairean seann nòs agus ùr-nodha, agus measadh a dhèanamh air àite nan òran ann an cànan is dualchas na Gàidhlig.
- Rannsachadh agus aithris a dhèanamh air sgeulachd thraidiseanta.
Feumalachdan Inntrigidh
Teisteanasan
- 3 teisteanasan Àrd-ìre SQA aig ìre BBC no nas fheàrr, a’ gabhail a-steach B no nas fheàrr ann an Gàidhlig no Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh); air neo
- dh’fhaodadh teisteanasan eile a bhith air am meas freagarrach le Stiùiriche a’ Phrògraim.
Bidh agallamh agad gus dearbhadh gu bheil na comasan labhairt agad aig an ìre iomchaidh. Feumaidh tagraichean dhan chùrsa chiùil deuchainn ciùil a dhèanamh cuideachd. Feumaidh oileanaich aig nach eil teisteanas SQA sa Ghàidhlig dearbhadh gu bheil comas aca sa chànan. Faodaidh tagraichean aig nach eil mòran Gàidhlig An Cùrsa Inntrigidh aig Sabhal Mòr Ostaig a dhèanamh. Seo cùrsa foghlam air astar a tha ag amas air oileanaich ullachadh airson faighinn a-steach gu ìre a h-aon de na prògraman ceuma.
Feumalachdan a Bharrachd
Tha Greis Gnìomhachais na modal riatanach air a’ chùrsa seo agus bhiodh teisteanas PVG a dhìth nan robh an t-oileanach ga dèanamh ann an sgoil no ionad cùraim-chloinne.
A’ cur a-steach Iarrtas
Feumar tagradh a dhèanamh tro Sheirbheis Inntrigidh Oilthighean is Cholaistean (UCAS). Is e seo am prìomh sheirbheis inntrigidh airson a h-uile oilthigh agus colaiste foghlaim àrd-ìre san RA.
Cuir fios thugainn:
Oifis Clàraidh & Inntrigidh
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ
Fòn: 01471 888304
Fios feumail airson iarrtas a chur a-steach tro UCAS:
Ainm an institiud: HIP
Còd: H49
Àrainn: K
Às Dèidh a’ Chùrsa
Ma shoirbhicheas leat anns a’ CertHE Gàidhlig is Conaltradh, bidh cothrom agad air gluasad air adhart dhan dàrna bliadhna de phrògram a’ cheuma agad. Ionnsaichidh tu sgilean a leasaicheas na cothroman obrach agad anns na roinnean a leanas:
- Leasachadh na Gàidhlig agus leasachadh coimhearsnachd
- Roinn nam meadhanan
- A’ teagasg Gàidhlig/tro mheadhan na Gàidhlig
COSGAISEAN A’ CHÙRSA 2025/26
* Anns a’ mhòr-chuid de chùisean, thèid na cìsean aig oileanaich a tha a’ fuireach ann an Alba a phàigheadh le Buidheann Thabhartasan Oileanach na h-Alba (SAAS) agus dh’fhaodadh gum bi iad airidh air taic cosgais bith-beò.
Oileanaich làn-ùine, cìs gach bliadhna (120 creideas)
Gheibh thu cosgaisean airson gach dòigh ionnsachaidh agus gach cùrsa an seo (PDF)