Skip to content

An Cùrsa Inntrigidh

DUAIS: Cùrsaichean air Astar,Teisteanas Shabhal Mòr Ostaig
DÒIGHEAN IONNSACHAIDH: Air Astar,Pàirt-ùine
DÈ CHO FADA: 10 mìosan no 18 mìosan
CÒD: N/A
NEACH-STIÙIRIDH: An Dr Sìleas L. NicLeòid
CUIR FIOS: Sgioba Chùrsaichean air Astar ( )

MÌNEACHADH

Tha An Cùrsa Inntrigidh na chùrsa Gàidhlig air astar airson luchd-ionnsachaidh a th’ aig an fhìor thoiseach, no aig a bheil beagan Gàidhlig mar-thà. ‘S e cùrsa fèin-ionnsachaidh air astar do luchd-tòiseachaidh na Gàidhlig, is le taic bho luchd-teagaisg, a th’ ann, ann an trì pàirtean: Earrann 1, 2 agus 3. Tha taghadh de chinn-latha tòiseachaidh ann gach bliadhna. Gheibhear clàran-ama gu h-ìosal.

  • Tha an cùrsa stèidhichte air leasachadh sgilean labhairt is èisteachd, ach nithear leasachadh air sgilean leughaidh is sgrìobhaidh cuideachd.
  • Gheibhear sgrìobhainnean a’ chùrsa air-loidhne; ‘s iad sin leabhraichean-obrach, faidhlichean-fuaim (no CDan) agus leabhraichean teagaisg.
  • Nithear fèin-ionnsachadh anns a’ mhòr-chuid den chùrsa làmh ri seiseanan air-loidhne gach seachdain, ach am faigh na h-oileanaich is tidsearan eòlas air a chèile agus cothrom na thathar air ionnsachadh a chleachdadh le oileanaich eile.
  • Gheibhear cothroman cleachdaidh a bharrachd anns na Sgoiltean Deireadh-sheachdain roghainneil a tha, mar as trice, gan cumail aig Sabhal Mòr Ostaig.
  • Le clasaichean beaga far am bi suas ri ochd sgoilearan annd gach buidheann, gheibh com-pàirtichean cothrom deagh eòlas fhaighinn air càch a chèile nan coimhearsnachd bheag fhèin, ge bith càit anns an t-saoghal sa bheil iad.
  • Tha caochlach làithean-tòiseachaidh ann airson gach earrann den chùrsa eadar an Lùnastal agus an t-Ògmhios gach bliadhna. Faodar an cùrsa a dhèanamh tron Bhann Choitcheann no tron Bhann Luath. Tha am bann a thaghas tu an eisimeil air an eòlas agad air a’ Ghàidhlig, an eòlas agad air ionnsachadh cànain agus an ùine a th’ agad saor gach seachdain.
  • Airson gach seachdain den Bhann Choitcheann, thathar an dùil gun deidheadh eadar 8 is 10 uairean a thìde a chur seachad air a’ chùrsa, agus eadar 10 is 12 uairean a thìde gach seachdain den Bhann Luath.

Bu chòir tomhas math den Ghàidhlig a bhith aig an oileanach an dèidh crìoch a chur air a’ chùrsa agus an làn com-pàirteachais a ghabhail ann, agus an uair sin faodar iarrtas a chur a-steach airson na ciad bliadhna de na cùrsaichean oilthigh aig Sabhal Mòr Ostaig. Airson barrachd fios, faic An Cùrsa Comais (cùrsa bogaidh Gàidhlig) agus An Cùrsa Adhartais (cùrsa fad dà bhliadhna air astar aig ìre cò-ionnan ris a’ Chùrsa Chomais).

Tha An Cùrsa Inntrigidh air Duais Cànain Eòrpach CILT agus Duais Routledge airson Luchd-Ionnsachaidh a tha nan Inbhich a choisinn mar thoradh air obair ionmholta airson dàrna cànan a theagasg air astar.

Cùrsa Inntrigidh: Leabhar-làimhe nan Oileanach 2023-2024

 

SUSBAINT

‘S e cùrsa fèin-ionnsachadh air astar do luchd-tòiseachaidh na Gàidhlig, le taic bho luchd-teagaisg, a th’ anns a’ Chùrsa Inntrigidh, is trì pàirtean ann: Earrann 1, 2 agus 3. Tha taghadh de chinn-latha tòiseachaidh ann gach bliadhna. Faic na clàran-ama gu h-ìosal.

Ionnsachadh agus clasaichean taice

Gheibhear goireasan a’ chùrsa air-loidhne agus nam measg tha leabhraichean-obrach, faidhlichean-fuaim (no CDan) agus leabhraichean teagaisg a tha nam pàirtean de chùrsa a chaidh a dhealbhadh gu faiceallach. Bidh na h-oileanaich a’ dèanamh a’ mhòr-chuid den ionnsachadh san ùine aca fhèin, ro cho-labhairt air-loidhne a thèid a chumail gach seachdain le oileanaich eile a’ chùrsa agus neach-oide. Tha na seiseanan air-loidhne nam pàirtean cudromach den chùrsa, a’ toirt cothrom do dh’oileanaich na thathar air ionnsachadh a chleachdhadh agus iad air an stiùireadh le oidean a tha eòlach agus barrantaichte. Mairidh gach co-labhairt mu uair a thìde. Faodar eisimpleir de dh’eacarsaich bhon chùrsa a leughadh an seo agus cuideachd èisteachd ri eisimpleir de dh’eacarsaich gu h-ìosal.

Teisteanasan crìochnachaidh

Airson teisteanas crìochnachaidh Shabhal Mòr Ostaig fhaighinn, feumaidh oileanaich a bhith soirbheachail leis na measaidhean aca anns gach pàirt den chùrsa, agus feumaidh iad co-dhiù 60% de na seiseanan air-loidhne a fhrithealadh.

Measaidhean

Tha measaidhean mar phàirt chudromach den ionnsachadh agus gheibhear iad aig deireadh gach earrann den chùrsa. Airson barrachd fios, thoir sùil air Leabhar-làimhe nan Oileanach gu h-àrd. Nuair a tha iad air crìoch shoirbheachail a chur air a’ chùrsa, faodaidh oileanaich àite fhaighinn air a’ Chùrsa Chomais no leantainn orra don Chùrsa Adhartais (an dèidh agallaimh-fòn).

Ionnsachadh a bharrachd

Ma tha iarrtas ann air a son, thèid sgoil dheireadh-sheachdain a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig airson gach pàirt dhen chùrsa. Tha iad roghainneil agus tha iad a’ toirt cothrom do dh’oileanaich na dh’ionnsaich iad air a’ chùrsa a neartachadh agus a chur an gnìomh. Airson barrachd fios no airson àite a ghleidheadh, faic an earrann Sgoiltean Deireadh-sheachdain gu h-ìosal. Tha stuthan ionnsachaidh a bharrachd a chaidh a dhealbhadh airson taic a chur ris a’ chùrsa ri fhaotainn. ‘S urrainn do dh’oileanaich conaltradh a chumail ri oileanaich eile cuideachd le bhith a’ cleachdadh a’ bhùird-chòmhraidh.

SLIGHEAN ADHARTAIS & COTHROMAN OBRACH

Bidh oileanaich a tha air crìoch a chur air a’ Chùrsa Inntrigidh gu soirbheachail o chionn ghoirid a’ faighinn cothrom An Cùrsa Adhartais a dhèanamh.

FEUMALACHDAN INNTRIGIDH

Feumaidh cothrom air coimpiutair agus ‘s dòcha fòn a bhith aig gach oileanach. Faic Riatanasan Coimpiutaireachd.

Cìsean is maoineachadh

Airson cìsean nan cùrsaichean, rach chun na duilleige Cìsean againn.

Taic mhaoineachaidh

Ma tha oileanach den bheachd gum bi duilgheadas ag èirigh ri linn pàigheadh cìsean a’ chùrsa, bu chòir fios a leigeil do sgioba rianachd na Colaiste. Tha Sabhal Mòr Ostaig daonnan deònach feuchainn ri fuasgladh a rèiteachadh.

A’ cur a-steach

Cliog an seo gus am foirm iarrtais a chur thugainn. Faodar ceistean sam bith a chur don Sgioba Chùrsaichean air Astar air 01471 888 449, no cuir am foirm gu h-àrd thugainn. Bidh an ath Earrann 1 a’ tòiseachadh san Fhaoilleach 2023.

Clàran-ama

Chithear an seo mar a tha gach earrann a’ ruith gach bliadhna:   An Cùrsa Inntrigidh: Clàr Lìbhrigidh Bidh an ath Earrann 1 a’ tòiseachadh san Fhaoilleach 2023. Tha clàran-ama 2022/23 an seo:

Clàran-ama a’ Bhann Luath

  Bann Luath E1, E2, E3: An Lùnastal 2023–An t-Ògmhios 2024

Clàran-ama a’ Bhann Choitchinn

Bann Coitcheann Earrann 1 agus 2 An t-Sultain 2023- An t-Ogmhios 2024

Bann Coitcheann Earrann 2 agus 3, An t-Sultain 2023 – An t-Ògmhios 2024

Bann Coitcheann Earrann 3 Sultain 2023- Faoilleach 2024

Bann Coitcheann Earrann 1 Faoilleach – Ogmhios 2024

 

Uairean nan clasaichean

Gheibhear roghainn uairean nan clasaichean ron t-Seachdain Inntrigidh, agus thèid gach uair clas a dhearbhadh san t-Seachdain Inntrigidh. Bidh caochladh uairean eadar Diluain is Dihaoine ri fhaotainn, agus cumaidh oileanaich an aon uair teagaisg airson gach pàirt den chùrsa.

Ullachadh agus Inntrigeadh don Chùrsa

Bidh Seachdain Inntrigidh air-loidhne ann cola-deug ro thoiseach a’ chùrsa airson oileanaich a tha clàraichte, ach an dèan iad cinnteach gu bheil eòlas aca air a’ chùrsa gu practaigeach is gu teicnigeach, agus airson eòlas fhaighinn air na h-oileanaich eile. Bidh Seachdain Ullachaidh ann an uair sin seachdain ro thoiseach a’ chùrsa, ach am faigh na h-oileanaich an cothrom seisean air-loidhne a dhèanamh aig an uair àbhaisteach còmhla ris na h-oileanaich eile is an neach-oide, agus gus an obair-chùrsa a chur air chois.

Cinn-latha nan saor-làithean

Bidh Sabhal Mòr Ostaig dùinte aig àm na Nollaig is na Bliadhn’ Ùire. A bharrachd air sin, bidh saor-làithean samhraidh ann do dh’oileanaich air astar, agus seachdain san Dàmhair is seachdain aig àm na Càisge. Cha bhi saor-làithean ionaidail no nàiseanta sam bith eile air a’ chlàr-ama.

Cinn-latha mu dheireadh airson clàradh

Tha cinn-latha mu dheireadh ann ach am faigh luchd-obrach an t-Sabhail cothrom crìoch a chur air clàradh, àireamhan oileanach a dhearbhadh agus uairean teagaisg a rèiteachadh airson nan Seachdainean Ullachaidh is Inntrigidh.

Sgoiltean deireadh-sheachdain

 

Airson oileanaich a tha clàraichte air a’ Chùrsa Inntrigidh, agus a rèir ùidhe, thèid sgoiltean deireadh-sheachdain dà-latha a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig airson gach pàirt dhen chùrsa. Tha iad roghainneil agus tha iad a’ toirt cothrom do dh’oileanaich na dh’ionnsaich iad a neartachadh agus a chur an gnìomh, agus cothrom coinneachadh ri oileanaich eile is oidean. Bu chòir do dh’oileanach iarrtas a chur a-steach cho luath ‘s a ghabhas. Tha prìsean agus cinn-latha air an t-Siostam Ionnsachaidh Air-loidhne.

Clàr-ama

Disathairne 9.45m gu 4.45f agus Didòmhnaich 9.30m gu 1.30f (math dh’fhaodte gun tèid seo atharrachadh).

Cosgaisean

Tha a’ phrìs airson nan sgoiltean deireadh-sheachdain a’ gabhail a-steach àite-fuirich aig a’ Cholaiste, ma tha sin a dhìth, agus biadh.

Àite-fuirich

Airson àite-fuirich aig a’ Cholaiste, tadhal air an duilleig Àite-fuirich againn. Airson àite-fuirich ionadail, cliog an seo no thoir sùil air www.visitscotland.com.

A’ siubhal dhan Cholaiste

Cliog an seo airson fios air siubhal gu Sabhal Mòr Ostaig agus gus mapa na Colaiste fhaicinn.

An Leabharlann

Mar as trice, bidh Leabharlann an t-Sabhail Mhòir, cruinneachadh de ghoireasan air cànan, cultar is dualchas na Gàidhlig, fosgailte nuair a bhios sgoiltean deireadh-sheachdain a’ ruith.

Airson àite a ghleidheadh aig sgoil dheireadh-sheachdain, thoir sùil air na leanas:

‘S ann le Sabhal Mòr Ostaig a tha an còir sgoiltean deireadh-sheachdain atharrachadh no a chur dheth. Feumar àite aig gach sgoil dheireadh-sheachdain fa leth a ghleidheadh is a phàigheadh. Ma tha ceistean sam bith agad mu àitichean-fuirich na Colaiste no mun sgoil dheireadh-sheachdain, cuir post-d dhan Sgioba Chùrsaichean air Astar aig . Gabhaidh sinn pàigheadh aon uair is a bhios d’ àite air a’ chùrsa air a dhearbhadh.

Foirm Iarrtais

Cliog an seo gus foirm iarrtais a chur thugainn airson a’ Chùrsa Inntrigidh.

 

‘DÈ DO NAIDHEACHD?’

Seo agaibh pàipearan naidheachd le artaigilean a sgrìobh oileanaich a’ Chùrsa Inntrigidh — oileanaich à Earrann 3:

PDF Icon Dè do Naidheachd? Iris 1

PDF Icon Dè do Naidheachd? Iris 2

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578