Skip to content

Seirbheisean Sòisealta: Clann is Daoine Òga

DUAIS: Teisteanas Aithnichte le Gnìomhachas
DÒIGHEAN IONNSACHAIDH: Pàirt-ùine
DÈ CHO FADA: Aon neo dà bhliadhna
CÒD: N/A
NEACH-STIÙIRIDH: Eilidh Grant
CUIR FIOS: Seirbheisean Sòisealta: Clann is Daoine Òga ( )

SUSBAINT

Colaiste agus sgoil

Tha am Preantasachd Stèidheachaidh Seirbheisean Sòisealta: Clann is Daoine Òga air a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig do sgoilearan a tha sa chòigeamh agus san t-siathamh bliadhna anns an àrd-sgoil. Faodaidh tu ga dhèanamh thairis air dà bhliadhna a’ tòiseachadh ann an S5 no ann an aon bhliadhna ann an S6. Bidh clasaichean colaiste a rèir clàr-ama na sgoile agus bidh thu a’ cur ùine seachad gach seachdain ag ionnsachadh ann an clas le sgoilearan eile. Bidh neach-teagaisg Shabhal Mòr Ostaig gad stiùireadh le obair a’ chùrsa agus bidh thu a’ cur feum air goireasan ionnsachaidh air-loidhne.

Cuspairean bunasach

Is e cùrsa fìor inntinneach a th’ ann air am bi thu ag ionnsachadh mu chuspairean bunasach do dh’obair-chloinne. Togaidh tu eòlas air an obair phroifeasanta agus air na tha an sàs bho latha gu latha ag obair le clann is òigridh. Bidh thu ag ionnsachadh mu dhìon chloinne, slàinte is sàbhailteachd, conaltradh ri clann agus mar a tha clann is òigridh a’ fàs agus a’ dèanamh adhartais.

Ag obair le Gàidhlig

Tha greis-gnìomhachais aig cridhe a’ chùrsa Seirbheisean Sòisealta: Clann is Daoine Òga agus cuiridh tu ùine seachad ann an àite-obrach far a bheil Gàidhlig ga bruidhinn. Bidh cothrom agad greisean-obrach a dhèanamh ann an seirbhisean cùram-chloinne, anns an sgoil-àraich air neo le buidhnean òigridh coimhearsnachd. Bidh thu a’ cur na dh’ionnsaich thu anns a’ chlas gu feum agus togaidh tu sgilean pragtaigeach a bhios na bhuannachd dhut nad bheatha. Bidh na h-uairean obrach gach seachdain a rèir cò bhliadhna anns a bheil thu, S5 no S6. Thèid an greis-gnìomhachais a chur air dòigh eadar thu fhèin, an sgoil, a’ cholaiste agus an àite-obrach.

Deiseil airson tòiseachadh….?

Mus tòisich thu air a’ chùrsa Preantasachd Stèidheachaidh Seirbheisean Sòisealta: Clann is Daoine Òga, bidh sinn a’ sùileachadh ri na leanas:

  • Gum bi Beurla agus Gàidhlig aig ìre Nàiseanta 5 agad
  • Gum bi thu deiseil airson obair a dhèanamh aig an aon ìre ri Àrd-ìre na sgoile
  • Gum bi thu èasgaidh agus math air obair air do cheann fhèin
  • Gum bi thu deònach an cothrom a ghabhail Gàidhlig a bhruidhinn taobh a-muigh na sgoile
  • Gum bi thu toilichte clàradh air an Sgeama PVG aig Disclosure Scotland

Ceum slighe

Bidh iomadh cothrom romhad ma thig thu air a’ chùrsa Preantasachd Stèidheachaidh Seirbheisean Sòisealta: Clann is Daoine Òga agus is e ceum aithnichte a th’ ann a dh’ionnsaigh obair agus foghlam àrd-ìre. Tha e na shàr eisimpleir do luchd-fastaidh agus do luchd-foghlaim gu bheil thu air a leithid a dhèanamh fhad is a tha thu fhathast san sgoil. https://www.apprenticeships.scot/ Airson am barrachd fios, cuireabh post-d gu no fòn 01471 888 304

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578