Skip to content

MEd Foghlam Gàidhlig – Modalan a-mhàin

DUAIS: Creideasan For-cheum
DÒIGHEAN IONNSACHAIDH: Air Astar
DÈ CHO FADA: 4 - 7 Mìosan
CÒD: UQ539
NEACH-STIÙIRIDH: Anna Thirkell
CUIR FIOS: Eilidh Grant ( )

MÌNEACHADH

Bhon t-Sultain 2026, faodaidh tidsearan agus luchd-dreuchd foghlaim Gàidhlig modalan fa leth a dhèanamh a-nis bhon phrògram Maighstireachd ann am Foghlam (MEd) aig Sabhal Mòr Ostaig, agus le seo bidh barrachd sùbailteachd agad a thaobh chothroman leasachaidh proifeiseanta is dreuchdail.

Tha seo a’ toirt cothrom an-asgaidh dhut air trì modalan aig ìre Maighstireachd bhon MEd, agus le sin faodaidh tu ionnsachadh ann an dòigh shùbailte far nach fheum thu an làn-theisteanas a thoirt a-mach.

SUSBAINT

Tha na modalan bhon an MEd Foghlam Gàidhlig gu lèir air an lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig, a leigeas le com-pàirtichean an cuid sgilean litearrachd sa Ghàidhlig a leasachadh fhad is a tha iad a’ toirt an cuid eòlas proifeiseanta, tuigse is sgilean air foghlam Gàidhlig am feabhas.

’S ann air-loidhne a tha cuid mhòr den phrògram air a lìbhrigeadh agus chaidh a dhealbhadh gus an tèid a dhèanamh cuide ri dleastanasan proifeiseanta eile. Thèid latha aghaidh-ri-aghaidh a chur seachad aig Sabhal Mòr Ostaig aig toiseach na bliadhna acadaimigich far an urrainn do chom-pàirtichean is oidean a’ phrògraim coinneachadh ri chèile.

Bidh com-pàirtichean an sàs ann an gnìomhan air-loidhne gach cola-deug cho math ri clasaichean air-loidhne gus am bi conaltradh cunbhalach ann agus co-obrachadh eadar com-pàirtichean is oidean.

Gheibhear fiosrachadh slàn mu gach modal gu h-ìosal.

MODALAN ROGHAINNEIL

BLIADHNA 1
Gàidhlig airson Luchd-Teagaisg 1

Module Code:
Credits: 20

Geàrr-chunntas a’ Modail
Bidh am modal seo ag adhbharachadh comas is misneachd nan com-pàirtichean anns a’ Ghàidhlig ann an suidheachadh obrach. Leasaichidh com-pàirtichean an tuigse air taobhan bunaiteach de ghràmar na Gàidhlig agus cuiridh am modal beum air na ceithir sgilean cànain, leughadh, sgrìobhadh, èisteachd is bruidhinn, ach an tèid cleachdadh cruinn na Gàidhlig a neartachadh airson ionnsachadh a stiùireadh ann an seòmar-teagaisg no airson a cleachdadh ann an seagh proifeiseanta. Cuirear beum air prìomh phuingean gràmair tro ghnìomhan aona neach, obair is com-pàirteachadh buidhne agus gnìomhan eadar-theangachaidh.

Susbaint a’ Modail
Thathar an dùil gun leasaich com-pàirtichean an sgilean cànain tro chom-pàirteachadh is eadar-theangachadh agus iad a’ cur beum air na puingean gràmair a leanas:

  1. Fuaimneachadh
  2. An gnìomhair ‘bi’
  3. Gnìomhairean riaghailteach is neo-riaghailteach
  4. Gnè ainmearan agus an t-alt (singilte is iolra)
  5. Am modh neo-chrìochnach
  6. Roimhearan riochdail
  7. Tuisealan gràmair: ainmneach, tabhartach, ginideach agus gairmeach
  8. Gnàthachas Litreachadh na Gàidhlig

Builean Ionnsachaidh
An dèidh crìoch shoirbheachail a chur air a’ mhodal seo, bidh oileanaich comasach air na leanas:

  • Buil Ionnsachaidh 1 (LO1):
    A’ taisbeanadh tuigse is eòlas air riaghailtean gràmair ro-ainmichte sa Ghàidhlig.
  • Buil Ionnsachaidh 2 (LO2):
    A’ taisbeanadh comas air cleachdadh riaghailtean gràmair gu h-èifeachdach.
  • Buil Ionnsachaidh 3 (LO3):
    A’ taisbeanadh comas gun urrainnear Gnàthachas Litreachadh na Gàidhlig (SQA, 2009) a chur an sàs ann an obair sgrìobhaidh.
  • Buil Ionnsachaidh 4 (LO4):
    A’ tarraing is a’ meòrachadh air fiosrachadh à caochladh thùsan is a’ cleachdadh sgilean sgrùdaidh iomchaidh.

Builean Cànain
An dèidh crìoch shoirbheachail a chur air a’ mhodal seo, bidh oileanaich comasach air na leanas:

  • Buil Cànain 1 (LaO1):
    A’ taisbeanadh comas sa ghràmar thar gach comas cànain, èisteachd, bruidhinn, leughadh is sgrìobhadh airson cleachdadh proifeiseanta a thoirt am feabhas.

Gàidhlig airson Luchd-Teagaisg 2

Module Code:
Credits: 20

Geàrr-chunntas a’ Mhodail
Bidh am modal seo ag adhbharachadh comas is misneachd aig ìre àrd aig com-pàirtichean is iad a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an suidheachadh proifeiseanta. Bidh com-pàirtichean a’ leasachadh an tuigse air taobhan nas adhartaiche den ghràmar agus bidh am modal ag amas air na ceithir sgilean cànain, leughadh, sgrìobhadh, èisteachd is bruidhinn airson cleachdadh cruinn na Gàidhlig a bhrosnachadh gus an urrainnear ionnsachadh a stiùireadh sa chlas no ann an suidheachadh proifeiseanta eile. Bithear a’ cur beum air caochladh phuingean gràmair adhartach tro ghnìomhan do dh’aona neach, obair buidhne is com-pàirteachadh agus gnìomhan eadar-theangachaidh.

Susbaint a’ Mhodail
Thathar an dùil gun leasaich com-pàirtichean an sgilean cànain tro chom-pàirteachadh is eadar-theangachadh agus iad a’ cur beum air na puingean gràmair a leanas:

  1. Fuaimneachadh
  2. An gnìomhair ‘bi’
  3. Abairtean gnìomhaireach
  4. An guth fulangach
  5. Tuisealan tabhartach is ginideach
  6. An tràth teachdail dàimheach
  7. Riochdairean sealbhach
  8. Mìrean ceisteach

Builean Ionnsachaidh
An dèidh crìoch shoirbheachail a chur air a’ mhodal seo, bidh oileanaich comasach air na leanas:

  • Buil Ionnsachaidh 1 (LO1):
    A’ taisbeanadh eòlas is tuigse adhartach air riaghailtean gràmair sònraichte
  • Buil Ionnsachaidh 2 (LO2):
    A’ taisbeanadh comas adhartach air riaghailtean gràmair a shònrachadh gu h-èifeachdach
  • Buil Ionnsachaidh 3 (LO3):
    A’ taisbeanadh comas adhartach air Gnàthachas Litreachadh na Gàidhlig (SQA, 2009) a chur an sàs ann litearrachd

Builean Cànain
An dèidh crìoch shoirbheachail a chur air a’ mhodal seo, bidh oileanaich comasach air na leanas:

  • Buil Cànain 1 (LaO1):
    A’ taisbeanadh comas gràmair adhartach, agus cleachdadh cruinn de dh’ìre cainnte is tòna, thar nan sgilean cànain gu lèir, is iad ri èisteachd, bruidhinn, leughadh is sgrìobhadh, airson cleachdadh proifeiseanta a leasachadh.

Foghlam Bogaidh agus Togail Cànain ann an Suidheachadh Mion-Chànanach

Module Code:
Credits: 20

Geàrr-chunntas a’ Mhodail
Bidh am modal seo a’ toirt seachad eòlas is tuigse air na prìomh theòiridhean, bun bheachdan is prionnsapalan an lùib togail cànain. Bidh cothroman ann beachdachadh air ciamar a tha iad co-cheangailte ri teagasg na Gàidhlig (mion-chànan) tron dòigh bhogaidh ann an suidheachadh cultarail ioma-chànanach. Bithear a’ beachdachadh air na teòiridhean togail cànain iomchaidh ann am foghlam bogaidh agus a’ sgrùdadh nam prìomh theòiridhean cognatach an lùib dà-chànanachas is dà-litearrachd agus a’ bhuaidh aig seo air a’ churraicealam agus dòighean-obrach an t-seòmair-teagaisg.

Nithear sgrùdadh air a’ ghluasad a th’ air nochdadh ann an teòiridhean togail cànain bho bhliadhnachan tràth foghlam bogaidh, gu h-àraid a thaobh dhòighean-obrach oide-eòlach. Tha buaidh chudromach aig a’ ghluasad seo air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a thaobh fileantachd luchd-ionnsachaidh agus coileanadh acadaimigeach. Bithear a’ beachdachadh air na chuirear a-steach ann an cànan is na gheibhear a-mach cho math ris an fheum air barrachd fòcas air feartan cànain an lùib teagasg bogaidh a thaobh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig is foghlam luchd-ionnsachaidh.

Bithear a’ cur eòlas air rannsachadh eadar-nàiseanta air cuspairean, a leithid teagasg a’ churraicealaim tro mhion-chànan do luchd-ionnsachaidh a’ chiad is an dàrna cànain, agus dòighean-sgrùdaidh air eòlas is tuigse luchd-ionnsachaidh dà-chànanach. Bidh com-pàirtichean a’ leasachadh sgilean ionnsachaidh a chuireas iad fhèin an sàs san t-suidheachadh aca fhèin is iad a’ cur eòlas air oide-eòlas, foghlam bogaidh is togail cànain.

Susbaint a’ Mhodail
Bidh an t-susbaint stèidhichte air na leanas:

  1. A’ mìneachadh foghlam dà-chànanach, foghlam bogaidh agus eachdraidh foghlam bogaidh is foghlam Gàidhlig ann an Alba.
  2. Teòiridhean a thaobh nam feartan an lùib phrògraman bogaidh stèidhichte agus sàr eisimpleirean eadar-nàiseanta.
    Na buannachdan an cois dà-chànanachais agus dà-litearrachd.
  3. Na teòiridhean a thug buaidh air foghlam bogaidh aig an toiseach agus na teòiridhean a lean, agus rannsachadh a tha cha mhòr gu h-aona-ghuthach a-nis, a tha a’ tuigsinn gu bheil feum air barrachd fòcas air feartan cànain, no stèidhichte air foirm, ann an teagasg bogaidh. Teòiridhean oide-eòlais a thaobh Content and Language Integrated Learning (CLIL) agus Content Based Language Teaching (CBLT), agus togail cànain airson luchd-ionnsachaidh ciad is dàrna cànain.
  4. An teòiridh a tha mar bhun-stèidh teagaisg cànain tro shusbaint, agus dòigh-obrach cho-chothromach airson comas cànain a neartachadh.
  5. Buaidh leasachadh cànain, dà-chànanachais is dà-litearrachd air dòighean-teagaisg, coimhearsnachdan sgoile agus a’ bhuaidh nas fharsainge airson ath-bheothachadh cànain agus ideòlas is fèin-aithne chànanach.

Builean Ionnsachaidh
An dèidh crìoch shoirbheachail a chur air a’ mhodal seo, bidh oileanaich comasach air na leanas:

  • Buil Ionnsachaidh 1 (LO1):
    A’ taisbeanadh eòlas is tuigse bhreithneach air na prìomh phrionnsapalan is teòiridh ann am foghlam bogaidh modh-eòlas togail cànain.
  • Buil Ionnsachaidh 2 (LO2):
    A’ taisbeanadh eòlas is tuigse air prionnsapalan is gnìomhan foghlam bogaidh Gàidhlig.
  • Buil Ionnsachaidh 3 (LO3):
    A’ sònrachadh is a’ measadh mhodhan-obrach ann an oide-eòlas bogaidh.
  • Buil Ionnsachaidh 4 (LO4):
    A’ tarraing is a’ meòrachadh air fiosrachadh à caochladh thùsan is a’ cleachdadh sgilean sgrùdaidh iomchaidh.

Builean Cànain
An dèidh crìoch shoirbheachail a chur air a’ mhodal seo, bidh oileanaich comasach air na leanas:

  • Buil Cànain 1 (LaO1):
    A’ leasachadh cànan proifeiseanta sa Ghàidhlig airson a thaisbeanadh do luchd-èisteachd agus airson a chleachdadh ann an deasbadan pearsanta is com-pàirteachaidh a thaobh foghlam Gàidhlig, foghlam bogaidh, togail cànain is measadh poileasaidh is cleachdadh na Gàidhlig.
  • Buil Cànain 2 (LaO2):
    A’ taisbeanadh leasachadh chomasan airson stiùireadh gràmair na Gàidhlig a chur an sàs anns gach taobh de litearrachd.

Feumalachdan Inntrigidh

Gus aon de na modalan fa leth seo a dhèanamh, feumaidh luchd-iarrtais cur a-staigh airson a’ chùrsa Maighstireachd ann am Foghlam (MEd). Faodaidh iad an uair sin roghnachadh modal(an) fa leth a dhèanamh an àite a bhith a’ toirt an làn-theisteanais a-mach.

Tha modalan an MEd Foghlam Gàidhlig freagarrach do thidsearan mar a leanas:

  • tidsearan bun-sgoile is àrd-sgoile clàraichte le GTCS a tha ag obair an-dràsta ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig no foghlam Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh
  • tidsearan bun-sgoile is àrd-sgoile clàraichte le GTCS aig a bheil Gàidhlig agus bu mhath leotha teagasg ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig no foghlam Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh

Cìsean is Maoineachadh

Oileanaich a’ fuireach ann an Alba, a tha clàraichte leis an GTCS –  Làn-maoineachadh le Riaghaltas na h-Alba.

Oileanaich eadar-nàiseanta (Comas air obair taobh a-staigh foghlam Gàidhlig ann an sgoil ionadail a dhìth):
Modal 20 creideas, £1200

A’ Cur A-steach

Airson iarrtas a chur a-steach, thig gu làrach-lìn OGE an seo.

Airson barrachd fiosrachaidh mun chùrsa, leig fios gu: .

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578