MSc Cultar Dùthchasach is Eachdraidh na Gàidhealtachd

DUAIS: Cùrsaichean air Astar,Cùrsaichean For-cheum
DÒIGHEAN IONNSACHAIDH: Air-astar,Pàirt-ùine
DÈ CHO FADA: 1 bliadhna airson PgCert, 2 bliadhna airson PgDip agus 3 bliadhna airson for-cheum MSc
CÒD: 93Q7
NEACH-STIÙIRIDH: An Dtr. Domhnall Uilleam Stiùbhart
CUIR FIOS: Eilidh Ghrannd ( )

FEARTAN SÒNRAICHTE

Tha an cùrsa ùr-ghnàthaichte seo, le cliù fad is farsaing, a’ toirt dhut cothrom sònraichte eòlas farsaing agus domhainn a chur air dualchas nan Gàidheal – uile-gu-lèir tron Ghàidhlig. A’ tarraing air beairteas cultar dùthchasach, litreachas, beul-aithris, agus cànan nan daoine, agus ag ionnsachadh bho sgoilearan barraichte aig a bheil inbhe eadar-nàiseanta, gheibh thu tuigse dhomhainn mu shaoghal nan Gàidheal an dè agus an-diugh. Chan fhaighear samhail a’ chùrsa seo ann an àite sam bith eile.

MÌNEACHADH

Dh’fhaodadh gu bheil tomhas math de dh’eòlas agad mar-thà mu bheul-aithris, cultar dùthchasach, agus eachdraidh sgìrean fa leth. Tro bhith a’ suidheachadh an eòlais sin ann an co-theacs farsaing na Gàidhealtachd air fad agus fiù ’s ceàrnaidhean eile den Roinn Eòrpa, le sùil shònraichte air cultar dùthchasach – an iomadach rud a chaidh a chruthachadh agus a chleachdadh le Gàidheil tro na linntean – gheibh thu sealladh farsaing air na h-atharrachaidhean iongantach a thàinig air saoghal nan Gàidheal thar nan trì ceud bliadhna a chaidh seachad. Ionnsaichidh tu còmhla ri oileanaich bheothail eile tro VLE air-loidhne agus tro cho-labhairtean fòn, agus nì thu rannsachadh ‘anns an raon’ cuideachd. ’S e cùrsa pàirt-thìde a th’ anns an MSc, a bheir dhut tòrr sùbailteachd a thaobh na h-àireimh de mhodalan a bhios agad gach semeastar. Mar is trice bheir e trì bhliadhna an MSc fhèin a thoirt a-mach.

BLIADHNA 1 – Pg Cert (SCQF Ìre 11)

Modalan riatanach:

  • Cultar Dùthchasach agus Tìr-Mòr na Roinn Eòrpa
  • Bailtean is Iomairean
  • Cultar Dùthchasach: Dòighean Rannsachaidh

BLIADHNA 2 – Pg Dip (SCQF Ìre 11)

Modalan riatanach:

  • Thar nan Linn
  • Ceistean Mòra an Latha An-Diugh

Modalan roghainneil:

  • Àrainneachd is Seasmhachd air an Talamh
  • Dòighean Beatha is Nàbaidheachd
  • Imrich is Buaidh Beatha

BLIADHNA 3 – MSc (SCQF Ìre 11)

Modalan riatanach:

  • Tràchdas rannsachaidh

SLIGHEAN ADHARTAIS & COTHROMAN OBRACH

  • Rannsachadh PhD
  • Roinn an dualchais/taighean-tasgaidh/buidhnean àrainneachdail/pròiseactan ri cruth na tìre
  • Buidhnean leasachaidh agus cultarach; na h-ealain agus na meadhanan

FEUMALACHDAN INNTRIGIDH

Ceum le urram aig 2:2 no nas fheàrr ann an cuspair iomchaidh.

Thathar a’ cur fàilte air tagraichean aig nach eil na teisteanasan seo ach aig a bheil eòlas proifeiseanta ann an cuspairean iomchaidh.

Tha comas conaltraidh anns a’ Ghàidhlig aig ìre adhartach riatanach.