Skip to content
Picture of staff member

An Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart

Àrd-Òraidiche is Stiùiriche Cùrsa – MSc Cultar Dùthchasach is Eachdraidh na Gàidhealtachd

01471 888 324
Cunntas Rannsachaidh PURE

Tuairisgeul pearsanta

Tha Dòmhnall Uilleam Stiùbhart na stiùiriche air a’ chùrsa mhaighstireachd MSc Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd.

Teisteanas

BA (Litt. Hum.), Colaisde Magdalen, Oxford; PhD, Roinn na Ceiltis agus Sgoil Eòlais na h-Alba, Oilthigh Dhùn Èideann

Rannsachadh

Eachdraidh Ghàidhealtachdan air feadh an t-saoghail bhon 17mh linn air adhart, bho sheallaidhean dùthchasach, le buaidh air co-chur de dh’fhianaisean pàipeir, litreachail, agus beul-aithriseach. Cultar an t-sluaigh, cleachdaidhean agus creideasan leithid òrthachan, caoineadh, buidseachd, taibhsearachd, anns a’ choitheacs Eòrpach. Beul-aithris: cruinneachadh, deasachadh, glèidheadh, agus clò-bhualadh, gu h-àraid le Seumas Bàn MacMhuirich (1736–96) agus Oisean; Iain Frangag Caimbeul (1821–85) agus Popular Tales of the West Highlands; agus Alasdair MacGilleMhìcheil (1832–1912) agus Carmina Gadelica; cuideachd, trioblaidean agus mearachdan ann an obair-chlàraidh. Cunntasan luchd-siubhail mun Ghàidhealtachd, gu h-àraid Màrtainn MacGilleMhàrtainn (c. 1665–1718) agus Thomas Pennant (1726–98), agus na h-eadar-mheadhanairean cultarach a thug dhaibh am fiosrachadh. Soillseachadh Gàidheil na h-Alba anns an dàrna leth den ochdamh linn deug, a’ rannsachadh oidhirpean fhacladairean saor-thoileach, àrsairean, agus luchd-eachdraidh gus deagh shùileachain a dhealbhadh airson cànan ‘leasaichte’ Ghàidhlig na h-Alba, agus airson fèin-ìomhaigh Ghàidhlig ùr-nodha fo sgèith Ìmpireachd Bhreatainn.

Teagasg

UQ508494: Beul-aithris Ghàidhlig (Stiùiriche) UQ509829: Dualchas Gàidhlig (Stiùiriche) UQ509825: Sgilean Rannsachaidh (Stiùiriche) UL411980: Bailtean is Iomairean(Stiùiriche) UL311974: Dòighean Rannsachaidh (Stiùiriche) UV211978: Thar nan Linn (Stiùiriche) UL611963: Imrich is Buaidh Beatha (Stiùiriche) UL311975: Dòighean-Beatha is Nàbaidheachd (Stiùiriche)

Fios a bharrachd

Ball Comataidh, Comann Litreachas Gàidhlig na h-Alba

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578