Skip to content

PhD Sgrùdaidhean Gàidhlig is Ceiltis

DUAIS: Cùrsaichean air Astar,PhD
DÒIGHEAN IONNSACHAIDH: Air an Làraich,Air Astar,Làn-ùine,Pàirt-ùine
DÈ CHO FADA: 3.5 bliadhna làn-ùine / 7 bliadhna pàirt-ùine
CÒD: N/A
NEACH-STIÙIRIDH: Abigail Burnyeat
CUIR FIOS: Abigail Burnyeat ( )

FEARTAN SÒNRAICHTE

’S e ceum oilthighe aig an ìre as àirde a th’ ann am PhD, aithnichte air feadh an t-saoghail, freumhaichte ann an rannsachadh tùsail, agus dùbhlanach cho math. Tha a’ mhòr-chuid de dh’oileanaich air am beò-ghlacadh le raon-eòlais sònraichte, agus ’s ann mar thoradh air an ùidh acadaimigich aca, agus air a’ mhiann airson sàr rannsachaidh a dh’fhairicheas iad, a bheir iad a-mach ceum PhD. Tha am PhD Sgrùdaidhean Gàidhlig is Ceiltis a’ tabhann chothroman dha oileanaich rannsachadh aig ìre phroifeiseanta a ghabhail os làimh anns na diofar raointean de Sgrùdaidhean Gàidhlig is Ceiltis; a dhol an sàs anns na cuspairean sgoileireil as fhaide leotha; agus an cuid chomasan a thoirt air adhart ann an sgrìobhadh, anailis, agus conaltradh tro mheadhan na Gàidhlig.

MÌNEACHADH

Gheibh oileanaich PhD Sgrùdaidhean Gàidhlig is Ceiltis trèanadh ann an sgilean-rannsachaidh agus sgilean-sgrìobhaidh Gàidhlig acadaimigeach, cho math ri stiùireadh sònraichte a rèir an raoin-eòlais a thagh iad.

Ann an cruinneachaidhean Leabharlann an t-Sabhail Mhòir, tha farsaingeachd de ghoireasan sgoileireil ri faighinn. Anns na Cruinneachaidhean Sònraichte againn, tha cruinneachaidhean barraichte de sheann leabhraichean Gàidhlig clò-bhuailte bhon t-seachdamh linn deug air adhart, cho math ri cruinneachaidhean cudromach de dh’àrsaidheachd agus de làmh-sgrìobhainnean a’ gabhail a-steach Gàidhlig, Eòlas na Ceiltis, beul-aithris, cultar dùthchasach, eachdraidh na Gàidhealtachd, leasachadh na Gàidhlig, agus eachdraidh pìobaireachd. Tha sinn a’ cur fàilte bhlàth gu sònraichte air oileanaich a tha a’ miannachadh feum a dhèanamh de stuth bho na cruinneachaidhean againn nan cuid rannsachaidh.

Mar as trice bheir ceum PhD eadar trì agus ceithir bliadhnaichean de sgrùdadh làn-ùine, air neo còig gu sia bliadhnaichean pàirt-ùine. Dh’fhaodadh oileanaich a bhith stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig air neo ann an àiteigin eile (le dùil gum biodh cothroman aca tadhal air an t-Sabhal Mhòr gu cunbhalach, agus pàirt a ghabhail ann an gnìomhan-rannsachaidh freagarrach).

SUSBAINT

Bidh oileanaich PhD Sgrùdaidhean Gàidhlig is Ceiltis ag obair gu dlùth leis na stiùirichean acadaimigeach aca air pròiseact-rannsachaidh a dhealbhas iad còmhla. Gheibhear stiùireadh anns na raointean a leanas:

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578