An Dr. Iain Seathach, Oilthigh Dhùn Èideann
An Còmhlan Grinn: Dùthchas, Cànan is Sluagh ann an Alba Nuadh
Diciadain 12 Màrt 2025 | 13:00
Seòmar Shomhairle, Sabhal Mòr Ostaig
Bidh an seiminear seo cuideachd beò air-loidhne. Clàraich gu h-ìosal is theid ceangal a chur thugad air latha an seiminear.
Bho thoiseach na linn seo, tha sreath do phrògraman air nochdadh ann an Ceap Breatainn agus air tìr mór a tha bonntaichte air Ionnsachadh Sòisealta: dòigh theagaisg a tha cur ghoireasan ionadail an t-sluaigh ‘s nan coimhearsnachd an gnìomh gus saoghal na Gàidhlig a chumail beò is fallain. Bheirear sùil air cleachdaidhean, feallsanachd is stuth-teagaisg aig gach ìre (Bun is Bàrr, na Gaisgich Òga, Stòras a’ Bhaile), a’ bhuil tha tighinn asda agus a’ bhuaidh a tha iad a’ toirt air buidheannan is beatha dhaoine fa leth.
