Skip to content
Cabadaich sa Choimhearsnachd 2026 le Iain Urchardan

Cabadaich sa Choimhearsnachd le Iain Urchardan

8 seachdainean (03/03/26 – 28/04/26)
Gach Dimàirt, 7f – 8f
An Eaglais Shaor, Shepherd’s Way, Port Rìgh

£68 gach neach (£34 dha pàrantan/seann-phàrantan chloinne ann am FtMG)

Tha sinn toilichte innse gu bheil Iain Urchardan gu bhith a’ tòiseachadh sreath de chlasaichean ùra dhan choimhearsnachd. Bheir e thugainn fuaimneachadh furasta, briathrachas beairteach, is cothroman cabadaich. Mholamaid comas còmhraidh sa Ghàidhlig airson nan clasaichean seo, is iad freagarrach dha leithid: luchd-ionnsachaidh aig ìre eadar-mheadhanach/adhartach; daoine a chaidh tro FtMG; luchd-labhairt a th’ airson am misneachd a thogail a-rithist; no duine sam bith a tha airson beagan gleans a chur air an cuid Gàidhlig. Bidh fàilte romhaibh!

Tha na clasaichean seo rim faotainn aig leth phrìs do phàrantan is sheann-phàrantan chloinne ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus iad air am maoineachadh le taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig. 

Cuir post-d thugainn aig  ma tha barrachd fiosrachaidh a dhìth. Tha sinn an seo gus taic a thoirt dhut air do shlighe ionnsachaidh.

Faodaidh tu am Poileasaidh Dìon Dàta againn a leughadh an seo.

Ceann-là

03 Màrt 2026 - 28 Gibl 2026
Tha an tachartas seo air crìochnachadh

Uair

This event is still open for booking
19:00 pm - 20:00 pm

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578