Cùrsa Fìdhlearachd le Charlie Mckerron – Air an Làraich: 03 Lùnastal 2025
Ma dh’fheumas tu àite-fuirich, ‘s urrainnear seo a chur ris a’ bhasgaid às dèidh iarrtas-cùrsa a dhèanamh. Faic an seo airson barrachd fiosrachaidh.
Ionnsaich le fìor eòlaiche fìdhlearachd Albannach, Charlie Mckerron, aig Sabhal Mòr Ostaig. Bheir an cùrsa sùil air dòighean ionnsachaidh tro èisteachd, agus thèid ùine a chur seachad a’ leasachadh dhòighean cluiche is ruitheaman, le buaidh mhòr air co-sheirm gus am bi an t-seachdain cho ceòlmhor ‘s a ghabhas. Thèid ceòl sgrìobhte a thoirt seachad airson gach port a thèid a chluich tron chùrsa. Bidh an cùrsa freagarrach do dh’fhìdhlearan a tha air co-dhiù an ìre eadar-mheadhanach a ruigsinn.
Mu Charlie
Tha Charlie Mckerron air a bhith na fhear den luchd-ciùil as ainmeile an saoghal ceòl traidiseanta na h-Alba bho thoiseach nan 1980an, agus tha e air cliù a chosnadh air feadh an t-saoghail mar fhìdhlear cho math ‘s a tha e an Alba. Tha e a’ cluich anns a’ chòmhlan-chiùil chliùiteach Capercaillie, agus tha e air co-obrachadh cuide ri iomadh neach-ciùil eile agus air cluich ann an còmhlanan eile, a leithid Session A9. Chaidh Charlie a thogail ann an dualchas fìdhlearachd ceann an ear-thuath na h-Alba, ach bhon uair sin tha e air a bhogadh fhèin ann an dualchas ceòl na Gàidhlig cuide ri Capercaillie, is iad air cuideachadh ceòl Gàidhlig a thoirt gu aire muinntir na cruinne.
Clàr-ama na seachdaine:
Diluain, Dimàirt agus Diardaoin: 09:30 – 16:30
Diciadain: 09:30 – 15:00 (deiseil tràth)
Dihaoine: 10:00 – 12:30

