Skip to content

Ainmean-àite na h-Alba Ìre 1 – Air-loidhne: 21 Dàmhair 2025

Thèid an clas seo a theagasg bho 18:30 gu 20:00 gach feasgar Dimàirt (ochd seachdainean).

Thèid an cùrsa seo a theagasg sa Bheurla; chan eil feum air eòlas air Gàidhlig no cànanachas. Tha e a’ tabhann cothrom ionnsachadh mun dàimh eadar cànan agus àite, cultar agus cruth-tìre ann an co-theacsa Albannach. Còrdaidh an cùrsa seo ri neach sam bith aig a bheil ùidh ann an cruth-tìre, cànan agus cultar na h-Alba.

Am measg na cuspairean a thèid a theagasg:

  • Na diofar chànanan ann an Alba agus am buaidh a th’ aca air ainmean-àite: Lochlannais, Cruithnis/Breatannach, Beurla/Albais, agus Gàidhlig.
  • Mar a bhios ainmean-àite ag obair bho thaobh chànanachais agus mar a tha iad air an cruthachadh, agus mar a bhios iad ag atharrachadh thar ùine.
  • Eileamaidean Gàidhlig a bhios a’ mìneachadh chnoc, bheanntan, aibhnichean, agus thuineachaidhean agus mar a thathar an cur an gnìomh air a’ chruth-tìre agus mar a nochdas iad air mapaichean.
  • Dreuchd ainmean-àite taobh a-staigh cultar beòil na Gàidhlig, a thaobh beul-aithris, sgeulachdan agus gnàthasan-cainnt.
  • Mar a nì thu rannsachadh air ainmean-àite thu fhèin, a’ gabhail a-steach obair-làraich, rannsachadh tasglainn agus mion-sgrùdadh cànain.
  • Bun-eòlas air fuaimneachadh na Gàidhlig.

Bidh ochd seiseanan air-loidhne gach seachdain mar thaisbeanaidhean neo-fhoirmeil sa chùrsa agus an uair sin cothroman airson deasbaid.

 

Ceann-là

21 Dàmh 2025 - 09 Dùbh 2025
A' dol an-dràsta…

Uair

18:30 pm - 20:00 pm

Àite

Air-loidhne tro Zoom

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578