Buidheann Bleadraich le Iain Urchardan – Air-loidhne: 11 Gearran 2025
19:00 – 20:30 gach Dimàirt, 8 seachdainean
Thèid an clas seo a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig.
Tha an cùrsa seo a’ solarachadh beairteas de dh’abairtean ghnàthasach is de bhriathrachas a lìbhrigeas fileantas-còmhraidh airson oileanaich a thoirt air adhart bhon inbhe a ruigeadh aig Ìre 8 gu barrachd comais conaltraidh. Ionnsaichidh sibh abairtean ghnàthasach a dh’aithnicheas tùsanaich na Gàidhlig, feadhainn as fheàrr leotha na riochdan coimheach a th’ air an eadar-theangachadh ’s air an toirt bho chànain eile is diofar chultaran. Tha an cùrsa seo a’ solarachadh fhaclan, abairtean is ghnàthasan a dh’aithnicheas iadsan aig an robh sinnsireachd a labhair ar cànan uasal thar linntean.
Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd Ìre SCQF
- CertHE An Cùrsa Adhartais
- Cùrsaichean Goirid an t-Sabhail Mhòir: Gàidhlig Ìre 8, 9 is 10
- Cùrsa Fhlòdaigearraidh
Mura h-eil thu cinnteach am biodh an ìre seo a’ freagairt ort, na biodh leisg ort idir fòn no post-d a chur thugainn.
Mu Iain:
Thogadh Iain Urchardan sna Hearadh agus às dèidh a làithean sgoile, chaidh e gu Colaist Ealain Ghlaschu. Nuair a cheumnaich e à sin rinn e obair na phreasantair air rèidio is telebhisean. Chaidh e an uair sin a dh’Oilthigh Obar Dheathain airson Diadhachd ionnsachadh is chuir e seachad 14 bliadhnaichean na Mhinistear: an Glaschu, Barraigh is Bhatarsaigh ’s an Eilean Sgitheanach. Bhon àm sin tha e air a bhith na òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig ’s na chraoladair aig a’ BhBC a’ lìbhrigeadh phodcastan a leithid Beag air Bheag, SpeakGaelic is SpeakGaelic EXTRA. Agus, aon uair eile, ’s e Hearach a th’ ann!