Skip to content

Gàidhlig Ìre 2 – Air-loidhne: 19 Faoilleach 2026

Thèid na clasaichean còmhraidh air-loidhne seo a theagasg gach madainn Diluain eadar 10:00 agus 11:30 (ochd seachdainean).

Gàidhlig Ìre 2 – Air-loidhne

Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-tòiseachaidh aig a bheil beagan Gàidhlig. San ìre seo, gheibhear ionnsachadh air:

  • roimhearan ùra, mar ‘anns’ agus ‘às’;
  • ro-riochdairean, mar ‘aig’ agus ‘ann’;
  • agus structaran coimeasach.

Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar bunaiteach, cothroman sgilean labhairt a chleachdadh is cothrom dòighean ùra cànain is briathrachas ùr ionnsachadh.

Airson làn-fhiosrachaidh fhaighinn mu susbaint a’ chùrsa aig an ìre seo, cliog an seo.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF:
An Cùrsa Inntrigidh: Earrann 1 (Aonad 4–6)
SCQF 4 – SQA Ìre Choitcheann Àbhaisteach Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)

Far as urrainnear, cha bhi ach ochdnar sa chlas seach 12 mar as àbhaist.

 

 

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578