Gàidhlig Ìre 3 – Air-loidhne: 20 Dàmhair 2025
Thèid an clas air-loidhne seo a theagasg gach madainn Diluain eadar 10:00 agus 11:30 (ochd seachdainean).
Gàidhlig Ìre 3 – Air-loidhne
Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh a tha a’ tuigsinn Gàidhlig aig ìre eadar-mheadhanach ìosal agus a tha comasach air còmhradh a dhèanamh le bhith a’ cleachdadh structaran sìmplidh. San ìre seo, gheibhear ionnsachadh air:
- an tràth teachdail den ghnìomhair ‘bi’;
- agus structairean ùra a leithid ghnàthasach, àithneach, tuairisgeulach, agus cheangalach.
Bidh cothrom ann cuideachd do luchd-ionnsachaidh leudachadh air an cuid eòlais air na diofar tràthan is air ro-riochdairean.
Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar, cothroman sgilean labhairt a chleachdadh is cothrom dòighean cànain ùra is briathrachas ùr ionnsachadh.
Airson làn-fhiosrachaidh fhaighinn mu susbaint a’ chùrsa aig an ìre seo, cliog an seo.
Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF:
- An Cùrsa Inntrigidh: Earrann 2 (Aonad 7–8)
- SCQF 4 – SQA Ìre Choitcheann Àbhaisteach Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)
- SCQF 5 – SQA Ìre Choitcheann Creideas Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)