Skip to content

Gàidhlig Ìre 6 – Air-loidhne: 20 Faoilleach 2026

Thèid na clasaichean còmhraidh air-loidhne seo a theagasg gach Dimàirt eadar 15:00 agus 16:30 (ochd seachdainean).

Gàidhlig Ìre 6 – Air-loidhne

Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh a tha a’ tuigsinn Gàidhlig aig ìre eadar-mheadhanach àrd agus a tha comasach còmhradh a dhèanamh le bhith a’ cleachdadh structairean mionaideach. San ìre seo, gheibhear ionnsachadh air:

  • san tràth caithte le gnìomhairean riaghailteach is neo-riaghailteach ann an suidheachaidhean cudromach;
  • structaran a tha a’ sealltainn sealbh;
  • structaran a’ cleachdadh àireamhan mionaideach
  • agus an tuiseal ginideach le ainmearan iolra.

Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas a bharrachd air gràmar, cothroman sgilean labhairt a chleachdadh is cothrom dòighean ùra cànain is briathrachas ùr ionnsachadh.

Airson làn-fhiosrachaidh fhaighinn mu susbaint a’ chùrsa aig an ìre seo, cliog an seo.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF:
An Cùrsa Inntrigidh: Earrann 3 (Aonad 11–12)
SCQF 6 – SQA Àrd-ìre Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)

 

Ceann-là

20 Faoi 2026 - 10 Màrt 2026
A' dol an-dràsta…

Uair

15:00 pm - 16:30 pm

Àite

Air-loidhne tro Zoom

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578