Skip to content

Gàidhlig Ìre 7 – Air-loidhne: 21 Dàmhair 2025

Thèid an clas air-loidhne seo a theagasg gach feasgar Dimàirt eadar 15:00 agus 16:30 (ochd seachdainean).

Gàidhlig Ìre 7

Bidh an cùrsa Gàidhlig Ìre 7 freagarrach do luchd-ionnsachaidh aig a bheil deagh eòlas air a’ Ghàidhlig, le sàr chomasan conaltraidh ann an sgilean labhairt is sgrìobhaidh. Tha an ìre seo ag amas air eòlas a chur air:

  • an tràth teachdail de ghnìomhairean neo-riaghailteach;
  • structaran leis a’ chruth neo-fhinideach cuide ri cuspairean dìreach;
  • an roimhear ‘ann’ le buadhairean sealbhach gus structaran ‘nam/nad’ a chruthachadh.

Nithear cuideachd leasachadh air briathrachas ùr a chuireas ris na structaran air a bheil eòlas aig an oileanach mar-thà.

Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar, cothroman sgilean labhairt a chleachdadh is cothrom dòighean ùra cànain is briathrachas ùr ionnsachadh.

Airson làn-fhiosrachaidh fhaighinn mu susbaint a’ chùrsa aig an ìre seo, cliog an seo.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd Ìre SCQF:

  • An Cùrsa Adhartais: Modal 1
  • Cùrsaichean Ceuma Shabhal Mòr Ostaig: Bliadhna 1
  • SCQF 6 – SQA Àrd-ìre: Gàidhlig
  • SCQF 7 – SQA Àrd-ìre Adhartach: Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)

 

  • 1Tagh tiogaid
  • 2Daoine
  • 3Pàigheadh
Form/ticket icon icon
Standard Price
£150
Form/up small icon icon Form/down small icon icon
Àitichean ri fhaotainn: 5

Please book at the Standard Price, unless you are enrolled in full-time education elsewhere or on one of Sabhal Mòr Ostaig's degree or distance learning courses (e.g. An Cùrsa Inntrigidh, An Cùrsa Adhartais), in which case you are entitled to the Student Price.

Chan eil gin de na tiogaidean "Standard Price" air fhàgail. 'S urrainn dhut tiogaid no ceann-là eile fheuchainn.
Form/ticket icon icon
Student
£120
Form/up small icon icon Form/down small icon icon
Àitichean ri fhaotainn: 5
Chan eil gin de na tiogaidean "Student" air fhàgail. 'S urrainn dhut tiogaid no ceann-là eile fheuchainn.
Form/ticket icon icon
Funded
£0
Form/up small icon icon Form/down small icon icon
Àitichean ri fhaotainn: 5

Use the "FUNDED" option if your employer or a bursary awarding authority will be paying the College directly on your behalf.

Chan eil gin de na tiogaidean "Funded" air fhàgail. 'S urrainn dhut tiogaid no ceann-là eile fheuchainn.
Iomlan: 0

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578