Skip to content

Gàidhlig Luchd-tòiseachaidh do Phàrantan – Air-loidhne: 29 Dàmhair 2025

Thèid na clasaichean còmhraidh air-loidhne seo a theagasg gach oidhche Chiadain eadar 20:00 agus 21:00 (seachd seachdainean).

Gàidhlig Luchd-tòiseachaidh do Phàrantan

A bheil ùidh agad ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig airson do chuid chloinne? Am bu toil leat Gàidhlig a chleachdadh aig an taigh? Bheir an cùrsa seo taic dhut le structaran gràmair bunaiteach, faclan, abairtean, geamaichean agus òrain a b’ urrainn dhut cleachdadh airson àrainn Ghàidhlig a thogail airson do theaghlach.

Mu Lisa

Tha Lisa NicDhòmhnaill na mamaidh le dithis chloinne, a’ teagasg ann am bun-sgoil, ag obair ann am buidhnean pàrant ‘s pàiste, agus na h-òraidiche aig an t-Sabhal. Bidh i a’ teagasg air a’ Chùrsa Inntrigidh agus cùrsaichean cànain eile, agus tha ùidh mhòr aice ann an dòighean-ionnsachaidh cànain aig clann òg.

 

 

 

 

Ceann-là

29 Dàmh 2025 - 10 Dùbh 2025
A' dol an-dràsta…

Uair

20:00 pm - 21:00 pm

Àite

Air-loidhne tro Zoom

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578