Skip to content

Òrain Ghàidhlig le Christine Primrose – Air-loidhne: 04 Samhain 2025

Thèid na clasaichean air-loidhne seo a theagasg gach oidhche Mhàirt eadar 19:00 agus 20:00 (ceithir seachdainean).

Christine Primrose

Ionnsaich òrain Ghàidhlig le Christine Primrose, tè de na seinneadairean as cliùitiche ann an Alba air cùrsa goirid aig Sabhal Mòr Ostaig. Gheibh thu cothrom teagasg air leth fhaighinn, is gheibh thu cuideachd cothrom seinn còmhla is ionnsachadh bhon bheartas de dh’òrain thraidiseanta a tha Christine air càrnadh tro beatha.

Thar a’ chùrsa, coimheadar gu h-àraidh ris na stoidhlichean a leithid òrain ghaoil, tàlaidhean, puirt-à-beul agus òrain-luaidh; agus cuspairean mar gaol-dùthcha, eilthireachd, seòladh agus gnothaichean os-nàdarra.

Anns a’ chùrsa seo, bidh thu cuideachd a’ coimhead ri eileamaidean bunasach de ghràmar is fuaimneachadh na Gàidhlig. Nìthear cuideachd sgrùdadh air an dualchas is a’ bhuaidh phoilitigich, shòisealta a bha air cùl nan òran.

Tha an cùrsa seo ag amas air luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, agus cha leig iad leas a bhith eòlach air seinn air àrd-ùrlar; ged a bhiodh e gu am buannachd nan robh iad cleachdte ri bhith a’ seinn ann am buidhinn. Bidh cruinneachadh beag de dh’òrain Ghàidhlig air ur teanga ro dheireadh a’ chùrsa.

Mu Christine

Rugadh agus thogadh Christine Primrose ann an Càrlabhagh ann an Eilean Leòdhais far an robh a’ Ghàidhlig mar chànan làitheil, agus tha i air a bhith a’ seinn bho ’s cuimhne leatha. Tha an t-seinn aice air a toirt air feadh an t-saoghail, gu h-àraid ann an Ameireaga, Canada, Astràilia, Èirinn agus pàirtean dhan an Roinn Eòrpa. Tha i a’ teagasg òrain Ghàidhlig air a’ chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta aig Sabhal Mòr Ostaig, a’ Cholaiste Ghàidhlig anns an Eilean Sgitheanach agus cuideachd air na cùrsaichean goirid aig a’ Cholaiste. Tha i air iomadh duais a thogail airson a cuid seinn, nam measg Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna aig na ‘Trad Awards’ ann an 2009. Ann an 2017 chaidh àite a thoirt dhith ann an Talla Deagh-chliù Ceòl Traidiseanta na h-Alba agus ann an 2018 chaidh urram MBE a bhuileachadh oirre airson an t-seirbheis a thug i, agus a tha i a’ toirt fhathast, do cheòl Gàidhlig, Cultar agus Fòghlam ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta.

Cliog an seo gus Christine a chluinntinn leis an òran ‘Àite Mo Ghaoil’, air a sgrìobhadh le Rob Calum MacLeòid às na Gearranan, Eilean Leòdhais.

 

 

  • 1Tagh tiogaid
  • 2Daoine
  • 3Pàigheadh
Form/ticket icon icon
Standard Price
£80
Form/up small icon icon Form/down small icon icon
Àitichean ri fhaotainn: 0

Please book at the Standard Price, unless you are enrolled in full-time education elsewhere or on one of Sabhal Mòr Ostaig's degree or distance learning courses (e.g. An Cùrsa Inntrigidh, An Cùrsa Adhartais), in which case you are entitled to the Student Price.

Chan eil gin de na tiogaidean "Standard Price" air fhàgail. 'S urrainn dhut tiogaid no ceann-là eile fheuchainn.
Form/ticket icon icon
Student
£65
Form/up small icon icon Form/down small icon icon
Àitichean ri fhaotainn: 0
Chan eil gin de na tiogaidean "Student" air fhàgail. 'S urrainn dhut tiogaid no ceann-là eile fheuchainn.
Form/ticket icon icon
Funded
£0
Form/up small icon icon Form/down small icon icon
Àitichean ri fhaotainn: 0

Use the "FUNDED" option if your employer or a bursary awarding authority will be paying the College directly on your behalf.

Chan eil gin de na tiogaidean "Funded" air fhàgail. 'S urrainn dhut tiogaid no ceann-là eile fheuchainn.
Iomlan: 0

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578