Skip to content

Fiona NicCoinnich, An Comunn Gàidhealach

‘An Eibhleag anns an gann bha’n deò’: dìleab mhaireannach Mairead Fay Seathach a Chanaigh

Diciadain 26 Samhain 2025 | 13:00
Seòmar Shomhairle, Sabhal Mòr Ostaig

Bidh an seiminear seo cuideachd beò air-loidhne. Clàraich gu h-ìosal is thèid ceangal a chur thugad air latha an t-seimineir. 

Thàinig Mairead Fay Seathach à Chanaigh,  gu Alba airson a’ chiad turas ann an 1920 nuair a bha i sia-bliadhn’ deug  a dh’aois, às an dachaigh aice, Pittsburgh. Rinn ise na h-Eileanan na dachaigh aice, gu ruige a bàs ann an 2004. Tha a h-ainm aithnichte gu h-àraidh airson na h-òrain a chruinnich i, ach bha iomadh taobh eile ri obair a beatha.

Cò a bh’ann a Mairead Fay Seathach, co às a thàinig i,  carson a rinn i na rinn i airson beul-aithris nan Eilean, agus dè an dìleab a tha san obair aice, a tha a’ sìneadh thar 80 bliadhna? Bha Fiona J NicChoinnich na tasglannaiche ann an Taigh Chanaigh airson faisg air naoi bliadhna agus bidh ise ag innse mu dheidhinn an stòras a th’againn a-nis a rinn Mairead , agus de cho sònraichte ‘s a tha iad.

Clàraich airson seiminear Fiona NicCoinnich

Fiona NicCoinnich

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578