Skip to content

Fiosrachadh airson Luchd-ceuma Sabhal Mòr Ostaig

Dihaoine 03 Dàmhair 2025 aig 6.00f

Cò bhios a’ ceumnachadh?

  • Oileanaich a tha air crìoch a chur air cùrsa ceuma, no cùrsa eile leithid Dioplòma no Teisteanas, agus nach eil a’ dol air adhart chun na h-ath ìre. 
  • Oileanaich a tha air crìoch a chur air ìre shònraichte agus aig nach eil planaichean tilleadh chun na h-ath ìre, airson greis.

Cò nach bi a’ ceumnachadh?

Ma tha oileanaich air crìoch a chur air ìre shònraichte agus gu bheil iad airson modal no dha a dhèanamh aig an ath ìre, cha bhi iad a’ ceumnachadh.  

Ma tha oileanaich air crìoch a chur air ìre shònraichte agus gu bheil iad air innse dhuinn gun till iad chun na h-ath ìre an ceann bliadhna, cha bhi iad a’ ceumnachadh. 

Cosgaisean

Chan eil cosgais sam bith ga chur air oileanaich a tha a’ ceumnachadh airson a bhith an làthair, ach bidh aca ri gùn ceumnachaidh a chur air dòigh agus pàigheadh air a shon.

Bu chòir dhut gùn a ghlèidheadh tron làrach-lìn seo: www.edeandravenscroft.com Air neo, faodaidh tu fòn a chur thuca air 01223 861854 Diluain gu Dihaoine bho 9m gu 5f.

Aoighean

Faodaidh luchd-ceuma suas ri triùir aoigh a thoirt leotha aig cosgais £40 gach aoigh. 

Clàradh airson na Ceumnachd – Gheibh thu litir le fios mu dheidhinn na Ceumnachd agus le ceangal chun na làraich-lìn a bhios sinn a’ cleachdadh airson na Ceumnachd. 

Eadar-theangachadh 

Bidh seirbheis eadar-theangachaidh againn airson na Ceumnachd agus tha sinn an-dràsta airson dèanamh cinnteach gum bi innealan eadar-theangachaidh gu leòr againn airson aoighean a tha a’ cur feum air a sin. Ma tha aoighean agad a tha airson feum a chur air inneal eadar-theangachaidh, nach cuir thu fios thugainn agus nì sinn ar dìcheall airson sin a chur air dòigh. 

Teisteanasan

Chan eil teisteanasan air an toirt seachad aig a’ Cheumnachd idir – gheibh luchd-ceuma fios bho SRO le foirm ri lìonadh a-steach airson an teisteanas aca fhaighinn.  

Prògram 

  • 16:30 – 17:30: Gùintean rin togail 
  • 16:30 – 17:45: Cothrom dealbhan fa leth no teaghlaich fhaighinn, Seòmar Eige 
  • 18:00: An t-Seirbheis Cheumnachaidh, Talla Dhonaidh Chaimbeil  
  • 19:30: Dealbhan buidhne  
  • 20:00: Biadh – bidh biadh bufaidh anns an t-seòmar-bìdh shìos an staidhre 
  • 21:30: Cèilidh is dannsa san Talla Mhòr aig Àrainn Ostaig 

Ceistean sam bith eile?

Leig fios gu .

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578