Am pròiseact dualchais, Stòras Shlèite, a’ foillseachadh làrach-lìn is leabhran stiùiridh ùr
Tha sgioba leabharlainn Shabhal Mòr Ostaig, a tha a’ lìbhrigeadh a’ phròiseict dualchais, Stòras Shlèite, a’ cur crìoch air a’ chiad bhliadhna den iomairt agus iad a’ foillseachadh làrach‑lìn ùr a’ phròiseict (www.storasshleite.scot). Tha leabhar‑stiùiridh prataigeach dà-chànanach ga fhoillseachadh cuideachd dha daoine is coimhearsnachdan eile a tha am beachd pròiseactan coltach ris a chur air dòigh anns na h-sgìrean aca fhèin. Tha an leabhar-stiùiridh ri fhaighinn air duilleag-aghaidh na làraich-lìn.
B’ e amas a’ phròiseict, a th’ air taic airgid fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig agus bhon t-Sabhal Mhòr, beul-aithris, ceòl agus seanchas sgìre Shlèite ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich a chlàradh, a ghleidheadh agus a thoirt air ais don choimhearsnachd, agus gu sònraichte don ath ghinealach de Shlèitich.
Chaidh agallamhan, seanchas agus òrain ionadail a chruinneachadh sa chiad bhliadhna – susbaint a tha a-nise ri faicinn agus ri cluinntinn air an làraich-lìn ùir. Tha an làrach a’ toirt cothrom do dhaoine èisteachd ri blasad den stuth a chaidh a chruinneachadh, a’ toirt a-steach agallamhan le muinntir an àite, seann sgeulachdan agus òrain is ceòl a bhuineas do Shlèite, cho math ri mìneachadh air an t-susbaint agus co-theacsa eachdraidheil is cultarail.
A thuilleadh air an làraich-lìn, tha an sgioba leabharlainn air leabhar‑stiùiridh fhoillseachadh a bheir stiùireadh ceum‑air‑cheum seachad dha daoine is buidhnean a tha airson a leithid a phròiseact dualchais ionadail a thòiseachadh. Anns an leabhran, tha stiùireadh air:
- mar a chaidh am pròiseact dualchais a stèidheachadh;
- na chaidh ionnsachadh le sgioba a’ phròiseict tron phròiseas;
- cruinneachadh is gleidheadh dualchas ionadail;
- na buannachdan a thàinig às a’ phròiseact;
- molaidhean prataigeach air obair chom-pàirteachaidh sa choimhearsnachd;
- cothroman airson am pròiseact a leasachadh.
Tha dòchas ann gun cuidich an leabhran seo duine no buidheann sam bith a tha am beachd na pròiseactan cultarail aca fhèin a dhèanamh agus dualchas na sgìre is na coimhearsnachd a neartachadh.
Thuirt Greg MacThòmais, a tha na Leas-mhanaidsear Leabharlainn aig Sabhal Mòr Ostaig agus a tha a’ stiùireadh a’ phròiseict:
“Tha mi fìor thoilichte gu bheil sinn a’ foillseachadh làrach-lìn agus leabhar-stiùiridh a’ phròiseict is sinn a’ comharrachadh crìoch shoirbheachail air a’ chiad bhliadhna de Stòras Shlèite. Bu thoil leam mo thaing mhòr a chur an cèill don a h-uile duine a chuidich sinn is sinn a’ lìbhrigeadh pròiseact a tha, nam bheachd-sa, glè chudromach airson cultar is cànan sgìre Shlèite a chruinneachadh sa chiad dol a-mach agus an uair sin a thoirt air adhart do na ginealachan òga de Ghàidheil anns an sgìre.
“Bha e na urram mòr dha-rìribh dhomh fhìn mar neach a tha air a bhith a’ fuireach ann an Slèite fad 25 bliadhna a bhith a’ co-obrachadh còmhla ris a’ choimhearsnachd airson guthan agus sgeulachdan muinntir an àite a chlàradh is a ghleidheadh. Tha sinn an dòchas gum bi an dà chuid, an làrach-lìn agus an leabhran stiùiridh ùr seo feumail dhan sgìre agus brosnachail do choimhearsnachdan eile a tha airson pròiseactan dualchais sna sgìrean aca fhèin a thòiseachadh.”

