Skip to content

Gilbert Márkus, Oilthigh Ghlaschu

Ag atharrais Ierusalem ag atharrais na Ròimhe: Eilean Idhe agus ciall-àite anns an t-seachdamh linn

Diciadain 29 Dàmhair 2025 | 13:00
Seòmar Shomhairle, Sabhal Mòr Ostaig

Bidh an seiminear seo cuideachd beò air-loidhne. Clàraich gu h-ìosal is thèid ceangal a chur thugad air latha an t-seimineir. 

Thairis air an dà dheichead mu dheireadh, tha sgoilearan air tòiseachadh ri tuigsinn ciamar a dhealbhaich manaich Eilean Idhe mheadhan-aoisich an taigh-manachainn aca air pàtran Ierusaleim. Tha fhios gu bheil gach uile eaglais ‘a’ riochdachadh Ierusaleim’ ann an dòigh air choireigin. Ach bidh am pàipear seo cuideachd a’ beachdachadh air mar a dh’fhaodadh e bhith gun robh Eilean Idhe cuideachd a’ riochdachadh cruth-tìre àite agus ìomhaigheachd baile mòr na Ròimhe.

Gilbert Márkus

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578