Skip to content

IARRTAS DÀTA PEARSANATA

A rèir chumhaichean Achd Dìon Dàta 2018, tha còir aig a h-uile duine, luchd-obrach, oileanaich is luchd-cleachdaidh Shabhal Mòr Ostaig nam measg, air dàta pearsanta fhaighinn mun dheidhinn fhèin aig Sabhal Mòr Ostaig. ’S e iarrtas dàta pearsanta a theirear ris a’ chòir seo.

Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ gleidheadh còir prìobhaideachd is cruinneis neach sam bith agus cothrom aca air an dàta phearsanta aca fhèin far a bheil sin iomchaidh. Tha Sabhal Mòr Ostaig mar sin ag amas air coileanadh iarrtasan dàta pearsanta cho luath is a ghabhas.

Faodaidh neach sam bith a tha airson a’ chòir seo a chur an cèill a dhèanamh anns na dòighean a leanas:

Cuir post-d gu:   

No

Sgrìobh gu:        
Rianaire Dìon Dàta
Sabhal Mòr Ostaig
Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ 

Faodaidh Sabhal Mòr Ostaig clàraidhean pearsanta a chumail ann an diofar phàirtean den bhuidhinn. Airson leigeil leinn dèiligeadh leis an iarrtas cho luath is a ghabhas, cuir am fiosrachadh a leanas an cois an iarrtais agad:

Bidh dearbhadh aithne a dhìth mus tèid an t-iarrtas air adhart. Cuiridh sinn fios thugad airson bruidhinn air an dòigh as iomchaidh air seo a chur air dòigh.

Fiosrachadh Pearsanta: 

  • Sloinneadh
  • Seann sloinneadh (mas iomchaidh) 
  • Ciad ainm
  • Seòladh
  • Seòladh puist-d
  • Àireamh-fòn
  • Latha-breith

Dàta a chaidh iarraidh: 

Dè an dàta pearsanta a tha thu a’ sireadh fon chòir dàta?

Thoir seachad nas urrainn de dh’fhiosrachadh mun dàta a tha thu a’ sireadh (m.e. càite agus cò tha a’ cumail an fhiosrachaidh, fiosrachadh mionaideach a dhìth is eile)

Oileanaich: 

  • A bheil no an robh thu nad oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig?
  • Ma tha/bha, sgrìobh ainm is cinn-latha a’ chùrsa

Luchd-obrach: 

  • A bheil no an robh thu nad neach-obrach aig Sabhal Mòr Ostaig?
  • Ma tha/bha, sgrìobh an roinn agus cinn-latha fastaidh

Mur e neach-obrach no oileanach a th’ annad, am biodh tu cho math agus innse dhuinn dè an ceangal a th’ agad ri Sabhal Mòr Ostaig.

Chan fheum thu innse carson a tha thu ag iarraidh an fhiosrachaidh; chan fheum sinn ach am fiosrachadh a chuidicheas sinn is sinn gus an fhiosrachaidh a lorg.

Thèid dèiligeadh leis an fhiosrachadh a thathar a’ cruinneachadh mar a tha air a mhìneachadh anns an rabhadh prìobhaideachd seo.

Nuair a gheibhear iarrtas dàta pearsanta, nithear a h-uile oidhirp airson gèilleadh ris gu tur taobh a-staigh 28 làithean. Gheibh thu a h-uile pìos fiosrachaidh a tha sinn air lorg is a dh’fhaodas sinn sgaoileadh taobh a-staigh 28 làithean agus mìneachadh airson fiosrachadh sam bith nach urrainnear a thoirt seachad aig an àm.

Cha bhi Sabhal Mòr Ostaig, mar as àbhaist agus a rèir DPA, a’ sgaoileadh fiosrachadh mu neach às aonais cead bhuapa. Mar sin, ma tha fiosrachadh mud dheidhinn ann anns a bheil fiosrachadh mu neach/buidheann eile, nì Sabhal Mòr Ostaig a dhìcheall gus ainm sam bith san fhiosrachadh a dhubhadh às. Mura bi seo comasach agus mur urrainn do Shabhal Mòr Ostaig an cead iomchaidh fhaighinn, is math dh’fhaodte gun tig sinn don cho-dhùnadh nach sgaoil sinn am fiosrachadh.

Bu chòir a h-uile ceist a chur anns a’ chiad dol a-mach gu Rianaire Dìon Dàta Shabhal Mòr Ostaig aig   

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578