IONAD SÀR-MHATHAIS ANN AN TEAGASG – COTHROMAN FO-FHASTAIDH DO THIDSEARAN
Chaidh Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg (ISMT) ùr a stèidheachadh ann an Alba ‘gus taic a chumail ri luchd-teagaisg, a’ gabhail a-steach luchd-teagaisg ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, gus obair rannsachaidh is obair gus fianais a chruinneachadh a dhèanamh, agus gus feum a dhèanamh de leithid nan obair gus piseach a thoirt air teagasg’. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu na cothroman fo-fhastaidh do thidsearan agus mun Ionad, a’ gabhail a-steach amasan agus modhan-obrach, ri fhaighinn air làrach-lìn an Ionaid. Tha sinn a-nise a’ sireadh thidsearan eòlach air stèidh pàirt-ùine gus prìomhachasan rannsachaidh an Ionaid a thoirt air adhart.
Tha cothroman fo-fhastaidh suas ri 0.4FTE rim faighinn do thidsearan air feadh Alba gus gnìomhan an Ionaid a cho-òrdanachadh agus a stiùireadh tro shreath de chothroman air-loidhne agus aghaidh-ri-aghaidh ann an co-bhonn ri ionadan stèidhichte ann an diofar cheàrnaidhean den dùthaich. Tro na h-ionadan seo, bidh e an comas do thidsearan thighinn còmhla airson a dhol an sàs ann, a bhith a’ cruthachadh agus a bhith a’ sgaoileadh rannsachadh air a bheil fòcas air modhan-teagaisg agus practas clas. Tòisichidh na fo-fhastaidhean seo san Lùnastal 2025 agus ruithidh iad chun a’ Mhàirt 2026.
Bheir na buidhnean rannsachaidh seo cothrom do thidsearan a bhith ag obair ann an co-bhonn ri co-obraichean san oilthigh agus san sgoil aig a bheil na h-aon ùidhean a thaobh foghlam, a’ cumail taic ri dealbhadh rannsachaidh agus ri bhith a’ dèanamh co-roinn air toraidhean rannsachaidh tro, mar eisimpleir, com-pàirteachasan eadar rannsachadh agus cleachdadh agus coimhearsnachdan feòrachaidh.
Thèid tagraichean soirbheachail fho-fhastadh às na dreuchdan teagaisg a tha aca an-dràsta airson a bhith mar phàirt den sgioba againn, ann an dreuchdan a gheibh taic-maoineachaidh bhon Riaghaltas agus a thèid aontachadh le ùghdarrasan ionadail. Is e cothrom a tha seo airson leasachadh proifeiseanta a neartachadh ach cuideachd airson a bhith an sàs gu mòr ann an obair chudromach ann a bhith a’ cumail taic ri leasachadh cho-obraichean, agus mar sin, a’ cur gu mòr ri coimhearsnachd foghlaim nas fharsainge.
Pròiseas tagraidh
Bu chòir do thagraichean litir-taic agus cunntas-beatha (CV) a chur a-steach. Bu chòir dhan litir a bhith a’ togail air na slatan-tomhais riatanach agus cho freagarrach is a tha an tagraiche airson na h-obrach. Bu chòir aonta a bhith ann cuideachd bho Cheannard an tagraiche agus bhon ùghdarras ionadail. Thathar cuideachd a’ brosnachadh thagraichean gus ùidhean ionnsachaidh proifeiseanta sam bith a tha a’ co-thaobhadh ri obair nan ionadan gu h-àrd a chomharrachadh.
Thèid cuireadh a thoirt do thagraichean air a’ gheàrr-liosta gu agallamh le pannal air am bi riochdairean bho Bhòrd Comhairleachaidh Ionad Shàr-mhathais ann an Teagasg.
Bu chòir tagraidhean a chur dhan t-seòladh-d gu h-ìosal ro 17.00 air Dihaoine 6 Ògmhios.
Thèid agallamhan a chumail tron t-seachdain a’ tòiseachadh 16 Ògmhios.

