A’ comharrachadh Luchd-ceuma an t-Sabhail 2025
Thàinig aoighean, luchd-teagaisg, luchd-obrach, agus oileanaich còmhla aig Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, Dihaoine sa chaidh (03 Dàmhair) gus sàr obair Luchd-ceuma 2025 a chomharrachadh.
Choisinn 72 ceumnaichean duaisean fo-cheum agus for-cheum, nam measg sia ceumannan le Urram aig a’ Chiad Ìre agus deich duaisean sònraichte.
Mar phàirt de na comharraidhean, chaidh Urram nan Sàr Ghàidheal a bhuileachadh air Jo NicDhòmhnaill agus Tormod MacGillIosa OBE, mar chomharrachadh air an obair ionmholta aca airson cànan is cultar na Gàidhlig.
Am-bliadhna sa, chomharraich an t-Ionad Nàiseanta cuideachd clach-mhìle shònraichte leis gun d’ fhuair a’ chiad bhuidheann de cheumnaichean bhon MEd Foghlam Gàidhlig aig an t-Sabhal na duaisean aca — sàr choileanas a tha a’ sealltainn mar a tha prògraman an t-Sabhail Mhòir a’ sìor fhàs is ag eugsamhlachadh. Tha na prògraman ceuma air am barantachadh le Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, agus tha an DLP Eadar-theangachadh Gàidhlig, a bharrachd air na Preantasachdan Stèidheachaidh, air an dearbhadh le Ùghdarras Teisteanas na h-Alba (SQA).
A’ bruidhinn aig an tachartas, thuirt An Dr Gillian Rothach, Prionnsapal Shabhal Mòr Ostaig:
“Tha mi fìor thoilichte gun tàinig a leithid theaghlaichean is luchd-taic còmhla rinn gus luchd-ceuma na bliadhna sa a chomharrachadh. Tha sinn uabhasach moiteil às ar n-oileanaich — bidh iad a’ fàgail an t-Sabhail Mhòir le sgilean làidir sa Ghàidhlig, ach cuideachd le sgilean a leigeas leotha cur ri, fuireach is obair ann an saoghal na Gàidhlig, agus gus cur ris. Ged a bhios fàilte an-còmhnaidh orra ann a sheo, tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith faicinn a’ bhuaidh a bhios aca is iad a’ gluasad air adhart chun an ath cheum.”
Bha Mark Maudsley am measg luchd-ceuma na bliadhna sa, agus thòisich e an t-slighe Ghàidhlig aige air a’ chùrsa Gàidhlig air-loidhne aig Sabhal Mòr Ostaig airson luchd-tòiseachaidh, An Cùrsa Inntrigidh. Ged a bha e air trèanadh is obair mar dhotair, bha dealas aig Mark ris a’ Ghàidhlig a thug air tighinn a dh’ionnsachadh làn-ùine aig a’ Cholaiste, agus tha e a-nis air ceumnachadh le ceum BA (le Urram) Gàidhlig aig a’ Chiad Ìre.
Chuir ceumnaiche eile, Màrtainn Robasdan, crìoch air trì bliadhna den chùrsa BA Gàidhlig is Ceòl aig Sabhal Mòr Ostaig, às dèidh ceum eile a chosnadh aig oilthigh eile. Tha e a-nis ag obair le Spòrs Gàidhlig agus fhuair e Duais Sir Iain Nobail, mar aithneachadh air an dealas aige ri bhith a’ rannsachadh ceòl is òrain Ghàidhlig às an sgìre aige ann an Àrnasdal, Loch Aillse.

