Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg
Prìomh Fo-ionad Foghlam Gàidhlig
Sealladh agus rùn ISMT: a’ coileanadh amasan Riaghaltas na h-Alba
Tha an t-Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg ga chur air bhonn le dleastanas air leth gus taic a thoirt do thidsearan an comasan eòlas-teagaisg a leasachadh. ’S e am prìomh amas taic a thoirt do thidsearan, agus tidsearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig nam measg, a bhith a’ stiùireadh agus a bhith an sàs ann an rannsachadh agus fianais a bheir taic agus buaidh air na modhan-obrach aca.

