TACHARTASAN
Mar phàirt den obair againn mar Fo-ionad na Gàidhlig, tha sinn air seiseanan le sàr-eòlaichean a chur air dòigh. An seo, gheibh sibh fios mu na tha air fàire agus na tha ri fhaotainn mar chlàradh air-loidhne.
Diardaoin 12 Samhain 2026, 16:00
Dr Tim Armstrong & Ellen Morton
Fèin-aithne ann am Foghlam Gàidhlig
Anns an t-seisean seo, bruidhnidh an Dr Tim agus Ellen air rannsachadh practaigeach a rinn iad air neartachadh fèin-aithne Ghàidhlig am measg sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
Dimàirt 24 Samhain 2026, 16:00
An t-Ollamh Will Lamb
Teagasg is Ionnsachadh tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Linn na Tuigse Innealta (AI)
Anns an t-seisean seo, bheirear sealladh air rannsachadh o chionn ghoirid air a’ cheangal eadar AI agus a’ Ghàidhlig, a’ gabhail a-staigh nan goireasan teicneòlach a tha rim faighinn do thidsearan an-diugh, leithid an fheadhainn a tha pròiseact ÈIST a’ leasachadh.
SEISEANAN A THA AIR A BHITH ANN ROIMHE
Faodar na tachartasan gu h-ìosal fhaicinn a-rithist air YouTube aig a’ cheangal a leanas: https://www.youtube.com/@UofGCfTE
29.09.26
Anne Thirkell & Gwen NicGuaire
Seisean Fiosrachaidh airson Stiùirichean
23.09.26
Marine NicLeòid & Seonaidh Charity
A’ fighe cultar agus fèin-aithne ann an Cearcall Leasachadh a’ Churraicealaim airson Gàidhlig
06.05.26
Claire Dunne
Foghlam Bogaidh aig Ìre Bun-sgoile ann an Èirinn: Beachdan bho Rannsachadh Nàiseanta
04.03.26
Emily Barnes
A’ tuigsinn & a’ toirt taic do Dhoille-fhaclan ann am FtMG
04.02.26
An Dr Sarah NicGuaire
Measadh Cànain ann am Foghlam Gàidhlig: Buaidhean air Cothromas agus Ion-ghabhaltas
27.11.25
An Dr Sìleas NicLeòid
Cuimseachadh air Cruth ann am FMG
29.10.25
An t-Oll. Roy Lyster
A’ Sgafallachd Labhairt sa Mhion-chànan
24.09.25
An t-Oll. Diane Tedick
A’ Sgafallachd Tuigse sa Mhion-chànan
Ma tha thu airson fiosrachadh fhaighinn mu thachartasan is naidheachdan eile bhon t-Ionad Sàr-mhathais ann an Teagaisg, lìon a-steach d’ ainm is seòladh puist-d anns an fhoirm bheag seo.

