Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg
Prìomh Fo-ionad Foghlam Gàidhlig
Sealladh agus rùn ISMT: a’ coileanadh amasan Riaghaltas na h-Alba
Tha an t-Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg ga chur air bhonn le dleastanas air leth gus taic a thoirt do thidsearan an comasan eòlas-teagaisg a leasachadh. ’S e am prìomh amas taic a thoirt do thidsearan, agus tidsearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig nam measg, a bhith a’ stiùireadh agus a bhith an sàs ann an rannsachadh agus fianais a bheir taic agus buaidh air na modhan-obrach aca.
Coimhearsnachd ionnsachaidh airson tidsearan ùra na Gàidhlig
A bheil thu a’ tòiseachadh air bliadhna phròbhaidh san Lùnastal ’26? A bheil thu dìreach a’ crìochnachadh do bhliadhna phròbhaidh? Tha sinn a’ cruthachadh coimhearsnachd ionnsachaidh thaiceil agus Gàidhlig dhuibh!
Lìonaibh am foirm seo agus bidh sinn ann an conaltradh leibh ann an ùine gun a bhith fada! Coimhearsnachd ionnsachaidh airson tidsearan ùra na Gàidhlig

