Skip to content

Kayleigh NicLeòid

A’ cluich le dualchas: Video games that play with heritage

Diciadain 23 Giblean 2025 | 13:00
Seòmar Shomhairle, Sabhal Mòr Ostaig

Bidh an seiminear seo cuideachd beò air-loidhne. Clàraich gu h-ìosal is thèid ceangal a chur thugad air latha an t-seimineir. 

Anns an òraid seo, bidh Kayleigh a’ rannsachadh a’ cheangal eadar geamannan is cultar. A’ tarraing air a cùl-fhiosrachadh ann an leasachadh gheamannan agus a ceangal fad-beatha ris a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan, bith I a’ coimhead air mar as urrainn do gheamannan bhidio ceangal a dhèanamh ri luchd-èisteachd nas fharsainge ri dualchas is cànan mion-chultarach.

Kayleigh MacLeod
(c) Stuart McClay

Bidh i cuideachd a’ bruidhinn air dearbh-aithne chultarach, dualchas cultarach do-bheanailteach, agus mar a ghabhas na beachdan sin fhighe a-steach do phròiseas leasachaidh gheamannan a tha stèidhichte air cultar. A bharrachd air an seo, bidh Kayleigh a’ taisbeanadh an rannsachadh leantainneach aice san raon seo, agus a’ toirt seachad eisimpleir den gheama a tha stèidhichte air an rannsachadh phractaigeach aice, Waulking Simulator.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578