Skip to content
SMO Generic Banner Image

An t-Ollamh Boyd Robasdan a’ leigeil dheth a dhreuchd



Bidh an t-Ollamh Boyd Robasdan a’ leigeil dheth a dhreuchd mar Phrionnsapal Sabhal Mòr Ostaig san earrach an ath bhliadhna.  Tha an t-Ollamh Robasdan air a bhith aig ceann an t-Sabhail Mhòir, Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, bho 2008.

Thùirt Éadaín Ni Mháille, Cathraiche Bord an t-Sabhal Mhòir

“Thàinig Boyd gu Sabhal Mòr Ostaig le beairteas eòlais air teagasg is ionnsachadh na Gàidhlig aig ìre sgoile is oilthigh. Thar nan naoi bliadhna a tha e air a bhith san dreuchd, tha e air an t-eòlas sin – agus a chuid spionnaidh is eudmhorachd – a chur an sàs a’ cur gu mòr ri cliù is creideas na Colaiste. Fo stiùir Bhoyd, tha Sabhal Mòr Ostaig air aithneachadh eadar-nàiseanta a chosnadh ann an rannsachadh is sgoileireachd na Gàidhlig. A nis, feumaidh sinn neach ùr a shireadh ‘na àite; doirbh ‘s gum bì e, bhitheamaid an dòchas farsaingeachd eòlais, spionnadh agus eudmhorachd fhaighinn coltach ris na tha Boyd air leigeil fhaicinn dhuinn.”

Thèid obair a’ Phrionnsapail a shanasachadh aig deireadh na Sultainn le dòchas gum bi am Prionnsapal ùr a’ tòiseachadh san dreuchd as t-earrach.

Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ tabhann chùrsaichean aig àrd-ìre agus aig ìre adhartach gu còrr is 1,500 oileanach gach bliadhna eadar chùrsaichean-ceuma, ceumannan rannsachaidh agus cùrsaichean goirid.  ‘S e Sabhal Mòr an treas fastaiche as motha san Eilean Sgitheanach le còrr is 100 neach-obrach.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578