Skip to content
SMO Generic Banner Image

Ceòl Mòr Ostaig



Bidh muinntir an t-Sabhail Mhòir a’ cruinneachadh ann an Glaschu air 26 An Cèitean airson Ceòl Mòr Ostaig. Thèid an tachartas a chumail mar phàirt den phrògram aig Ceòl’s Craic ann an Ionad nan Nuadh Ealain (an CCA) sa bhaile, agus bidh luchd-obrach na colaiste, oileanaich agus daoine a chleachd a bhith nan oileanaich a’ tighinn cruinn còmhla airson oidhche de cheòl is dibhearsain.

Bidh consairt ann air an oidhche a’ tòiseachadh aig 8f, far am bi na seinneadairean ainmeil Christine Primrose agus Mairead Stiùbhart, an còmhlan-ciùil aig Aonghas MacNeacail, agus am bàrd Pàdraig MacAoidh am measg na feadhna a bhios a’ nochdadh air an àrd-ùrlar. Agus airson rian a chumail air gach nì, bidh an cleasaiche Artair Donald na fhear an taighe. Tha na tiogaidean a’ cosg £8 (no £6 le ìsleachadh) agus gheibhear iad bho oifis nan tiogaidean aig an CCA no air-loidhne aig http://ccaglasgow.ticketsolve.com

Cuideachd air an latha, thèid taghadh de bhùithtean-obrach an asgaidh a chumail eadar 5.30f is 7.30f. Nam measg bidh tè airson seinn Ghàidhlig, bidh cuideachd cothrom beagan Gàidhlig ionnsachadh, agus bidh bùth-obrach ann an Sgilean Telebhisein is Dràma. A thuilleadh air sin bidh taisbeanadh ann mun cholaiste, agus thèid filmichean a rinn oileanaich TBh an t-Sabhail a shealltainn san cinema.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578