Skip to content
SMO Generic Banner Image

Com-pàirtichean iomairt ag innse mu luchd-buannachaidh dhuaisean.



Tha measgachadh farsaing de sheòrsaichean ealain air an riochdachadh anns an dàrna cuairt de bhursaraidhean a chaidh a thoirt seachad do naoinear neach-ealain tàlantach às an Eilean Sgitheanach ’s Loch Aillse

Tha an dàrna cuairt seo air còrr is £19,000 a roinn gus taic agus cuideachadh a thoirt do thàlant a’ tha ag èirigh san sgìre seo.  Ann an 2014 thug com-pàirtichean na h-iomairt bursaraidhean seachad luach £12,800.  An còmhnaidh thathar air a bhith a’ sireadh thagraidhean o dhaoine a tha a’ fuireach an seo, a rugadh an seo no a fhuair foghlam àrd-sgoile san àite. 

Seo an fheadhainn a fhuair taic:

Ishbel Strachan – tè-chiùil agus tè-film a bhios a’ tadhal air an Swannanoa Gathering, Old time Music & Dance Week ann an Carolina a Tuath.  Bidh i a’ leasachadh a cuid sgilean banjo, ag ionnsachadh stoidhlichean ùra, agus ag ionnsachadh òrain agus fuinn anns an sgìre Appalachian, às an tàinig mòran dhen cheòl seo.

Sandy Gallagher – a bhios a’ leasachadh a sgilean le glainne-dhathte air cùrsa aig Northlands Glass agus le mìos a thoirt ann an Ì Chaluim Chille.

Seo an dàrna turas a fhuair seudair taic agus anns a chuairt seo bidh Jennifer Carter Pearson a’ falbh gu cùrsa aig Central Saint Martins, Lunnainn, gus sgilean agus dòighean-obrach gràbhaladh le cèir ionnsachadh, a tha freagarrachadh do ìomhaigh a chruthachadh tro phròiseas sculpturail.

Tha Lorraine Nolan Scott na tè-ealain choimhearsnachd a bheir leasachadh air a cuid sgilean le bhith a’ dèanamh bhùithtean-obrach cruthachail ann am bun-sgoiltean Chille Mhoire agus Stafainn.  Tha Frances Yeats na clachair agus tha plana mòr aice airson pìos ann an cloich a dh’fhaodadh a bhith na ìomhaigh phoblach.  Bha Caroline Dear agus Leighton Jones soirbheachail cuideachd.   Bidh Leighton a’ leasachadh a sgilean mar sgrìobhaiche-ciùil, le bhith ri obair a thogas air na rinn e ann an stiùireadh-ciùil ann am Brasov, Romàinia mar phàirt de dhuais ann an 2014.   Bidh pròiseact Caroline ag amas air a’ cheangal eadar lusan sònraichte agus na dòighean gus rudan a dhèanamh airson an cosg.  Bheir i sùil air na dòighean sean traidiseanta seo, na lusan agus mar a chaidh an ullachadh.

Bheir na duaisean seo cothrom cuideachd do Rody Gorman, an sgrìobhaiche agus bàrd, obair ùr a leasachadh, mar nàdar do leasachadh proifeiseanta agus leudachadh ùr-ghnàthaichte air an dòigh-obrach chruthachail aige, stèidhte air an t-seann naidheachd Ghàidhlig ‘Buile Shuibhne’.  Bidh an obair ùr seo a’ gabhail a steach sreath do dhàin ioma-chruthach, ioma-chànanach agus polysemantic, òrain agus earrannan rosg sa Ghàidhlig, Gàidhlig na h-Èireann agus Beurla.  Cuiridh Rody na teacsaichean nan dealbh-chluich agus sreath-òran airson craobh-sgaoileadh agus cluiche beò.

Tha cothrom air leth gu bhith ann do Liondsaidh Chaimbeul a bhios a tilleadh dhan obair-ealain aice an dèidh mòran bhliadhnaichean a’ togail a teaghlaich.  Cleachdaidh i an duais seo gus dòighean-obrach gràbhalaidh, ann am fiodh gu h-àraid, a leasachadh – rud ùr dhìse.  Nì i obair ùr a thèid a shealltainn taobh a-staigh na Gàidhealtachd (eadar Port nan Long agus Patagonia!).

Thuirt Rosie Somerville, Co-òrdanaiche Phròiseactan ATLAS a tha a’ manaidseadh na h-iomairt às leth nam com-pàirtichean, “Tha e cho math gun urrainn dhuinn taic agus brosnachadh mar seo a thoirt to thàlant às an sgìre. Chuir còig deug neach tagraidhean thugainn am-bliadhna agus, gu mì-fhortanach, cha b’ urrainn dhuinn iad uile a chuideachadh.   Tha sinn air leth toilichte gun urrainn dhuinn cothrom a thoirt do chuid a fhuair taic ann an 2014 na rinn iad a thaisbeanadh aig cruinneachadh ann am Port Rìgh air 14 agus 15 Cèitean.   CRUINNICH | CEANGAIL | MISNICH :  Seo tachartas a bhios a’ comharrachadh smaoineachadh cruthachail.  Tha e mar phàirt de Creative Collaborative Communities, stèidhte le Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, agus anns a bheil ATLAS an sàs.

Thuirt Emma Nicolson, Stiùiriche ATLAS: “Tha an Iomairt gus Tàlant a Leasachadh a’ toirt cothrom do luchd-ealain san àite a bhith cur am beachdan ri chèile ’s an sealltainn dhuinn.  Agus ged nach fhaigheadh neach taic-airgid, faodaidh sinn fhathast a bhith a’ bruidhinn riutha mun obair aca.   Uaireannan tha sinn air stiùireadh a thoirt do dhaoine gus am beachdan a leasachadh agus, gu cinnteach, tha ar doras fosgailte do dhuine sam bith a tha ag iarraidh comhairle.”

Air a mhaoineachadh le Alba Chruthachail tha an iomairt seo air bursaraidhean a thabhann do luchd-ealain eadar dà mhìle agus trì mìle not, le duais nas lugha airson meantaireachd agus leasachadh sgilean, suas ri mìle not an duine.  Tha na com-pàirtichean: SEALL, Àros, Sabhal Mòr Ostaig, Fèisean nan Gàidheal agus ATLAS Arts ann gus taic a thoirt dhan luchd-tagraidh a tha soirbheachail.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578