Corona Virus COVID-19
Fiosrachadh airson Oileanaich, Luchd-obrach agus Aoighean
CORONAVIRUS – FIOS AS ÙIRE
Tha a’ Cholaiste, mar phàirt de aontaidhean air feadh lìonradh Oilthigh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean, air stad a chur air teagasg aghaidh-ri-aghaidh sa Cholaiste bho 1f an-diugh (Dimàirt 17). Tha seo a’ ciallachadh nach bi clasaichean aghaidh-ri-aghaidh a’ gabhail àite sa Cholaiste idir ged a bhios a’ Cholaiste fhathast fosgailte do luchd-obrach riatanach.
Tha sinn cuideachd air co-dhùnadh a dhèanamh Cùrsaichean Goirid na Càisge a chur dheth is sinn den bheachd gur e seo an slighe as glice airson ar n-oileanaich, luchd-obrach, luchd-tadhail agus a’ choimhearsnachd fhèin a dhìon ann an suidheachadh a tha ag atharrachadh cha mhòr gach uair a thìde an-dràsta.
Tha dà thachartas a bha còir gabhail àite aig an deireadh sheachdain seo – Latha nan Tagraichean agus Fèill na Gàidhlig – a-nis air an cur dheth cuideachd agus tha sinn a’ cur casg air siubhal nach eil riatanach taobh a-staigh na dùthcha agus siubhal sam bith gu eadar-nàiseanta, a tha mar phàirt de dh’ obair na Colaiste.
********************************************************************************************************
Tha an cunnart iomlan do shluagh na Rìoghachd Aonaichte bho Coronavirus fhathast aig ìre mheadhanach.
Tha slàinte is sunnd luchd-obrach, oileanaich agus luchd-tadhail na phrìomhachas dhuinn.
Tha a’ bhuidheann Dìon Slàinte na h-Alba a’ gabhail smachd air freagairtean anns an t-suidheachadh seo agus gheibh sinn stiùir bhuapa.
Tha a h-uile fiosrachadh buntainneach slàinte poblach, a’ toirt a-steach ùrachadh cunbhalach, air làrach-lìn fiosrachadh NHS inform.
Ma tha dragh air daoine mun cuid slàinte ceangailte le amharas coronavirus, bidh sinn ag iarraidh gun lean iad comhairle agus fios a chur gu NHS24 tron àireamh 111.
Gheibhear barrachd comhairle mu dheidhinn siubhal gu sgìrean air a bheil buaidh, air làrach-lìn Fit for Travel.