
Cothrom ùr inntinneach do luchd-ealain agus cleasaichean
Cothrom ùr inntinneach do luchd-ealain agus cleasaichean airson dòighean-obrach ùra fheuchainn, a bheir brosnachadh dhaibh gus ìre ùr a ruigsinn nan obair.
Tha an iomairt seo, air a mhaoineachadh le Alba Chruthachail, a’ tairgsinn sia tabhartasan do luchd-ealain eadar a dhà agus trì mile not agus suim nas lugha – eadar còig ceud agus mìle not – airson taic agus leasachadh sgilean. ’S ann air an luchd-ealain às ùire san sgìre a bhios seo ag amas.
Bidh na buidhnean: Seall, Àros, Sabhal Mòr Ostaig, Fèisean nan Gàidheal agus Ealain ATLAS a’ cur taic ris an sgeama agus an fheadhainn a bhios soirbheachail. Bidh an luchd-ealain a bhios an sàs ri program de ghnìomhan a bhios a’ tarraing air sgilean agus eòlas nam buidhnean. Bidh taic a bharrachd ri fhaighinn ann an diofar dhòighean: còmhraidhean agus seiseanan sgrùdaidh, tachartasan, a’ feuchainn air rudan ùra agus a’ tairgsinn – ma bhios e iomchaidh – àrd-ùrlar airson toradh na h-obrach a thaisbeanadh.
Thuirt stiùiriche ATLAS Emma NicNeacail “Bha sinn cho toilichte nuair a dh’iarr Alba Chruthachail oirnne aig ATLAS sporran a ghabhail os làimh airson na sgìre seo, gus leasachadh a thoirt air tàlant ùr ann an gach seòrsa ealain. Gheibh daoine cothrom an obair aca a leasachadh ’s a thaisbeanadh. Thèid bannan a thogail le luchd-ealain eile agus gabhaidh ionadan-taisbeanaidh, buidhnean agus eòlas a chur gu feum gus taic a chur ris an neach-ealain na obair. Gheibhear cothroman tron mhaoin seo an inbhe aca a thogail ’s an obair aca a shealltainn. Dh’fhaoidte gun tèid luchd-taic a thoirt dhaibh a bheir an t-eòlas aca dhan eilean tro chlasaichean agus faodaidh luchd-ealain an obair aca a thaisbeanadh do mhuinntir an Eilein agus do dhaoine nas fhaid’ air falbh”
’S e prìomh amas nan tabhartasan leasachadh ealanta agus proifeiseanta a thairgsinn a tha a’ freagairt air, agus a’ cur taic ri, feumalachdan luchd-ealain mar a bhios iad ag atharrachadh rè ùine, nuair a bhios iad air ceumnachadh ’s air tòiseachadh nan obair.
Tha tagraidhean gan sireadh bho dhaoine san Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse no feadhainn a rugadh an seo ’s a fhuair foghlam aig ìre àrd-sgoile san sgìre. Thathas a’ coimhead gu sònraichte airson luchd-ealain ùra. Bu chòir dhan fheadhainn a th’ air a bhith soirbheachail gu seo a bhith a’ smaoineachadh air an obair aca aig ìre nàiseanta. Bhiodh e iomchaidh, mar sin, tairgse a chur dìreach gu Alba Chruthachail, seach gu bheil an sgeama seo fa leth o na tha iad a’ tairgsinn.
’S e an ceann-latha airson na ciad cuairte, Dihaoine 10 Faoilleach 2014. Gheibhear duilleagan-tagraidh agus stiùireadh aig www.atlasarts.org.uk no cuiribh fios gu rosie@atlasarts.org.uk no gu 07787551847