Cuimhneachan 100 Bliadhna Jon Schueler aig Sabhal Mòr Ostaig
Thèid beatha is obair an neach-ealain iomraitich, Jon Schueler, a chomharrachadh ceud bliadhna às dèidh a bhreith le co-labhairt is taisbeanadh eadar-nàiseanta.
Bidh’An Linne: Ath-Ghairm, Ath-Thilgeil, Ath-Dhealbhadh’ a’ gabhail àite aig Sabhal Mòr Ostaig OGE, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan agus Cultar na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach, eadar 27 agus 29 Cèitean 2016 an cois cladach na Linne Slèitich a thug buaidh mhòr air obair Schueler fad iomadh bliadhna.
Ghluais Schueler gu baile iasgaich Mhalaig ann an 1957 far an robh buaidh na h-aimsire is na mara a’ stiùireadh a chuid ealain. Fiù’ s nuair a thill e a New York, bha an ùine a chuir e seachad air costa an iar na h-Alba fhathast a’ tighinn troimhe na chuid obrach.
Thuirt Magda Salvesen, Glèidheadair, Oighreachd Jon Schueler,’Bha an Linne Shlèiteach na h-àite far am faigheadh Schueler eòlas, cuimhne agus gleusadh. Neartaich àraidheachd na linne seo dealbhan Schueler – chaidh a h-ìomhaigheachd a thoirt am meud tro shreathan cuimhne. Tha e iomchaidh agus dùbhlanach gur ann anns an Eilean Sgitheanach, eilean a chìte tro na siantan bhon stiùideo aige ann am Malaig, a thèid a’ cho-labhairt seo a chumail a tha a’ comharrachadh a cheud bhliadhna.’
Thèid sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air obair is buaidh Schueler cho math ri bhith a’ toirt sùil air a bheatha gu mì-fhoirmeil le òraidichean a b’ aithne dha is a bha ag obair cuide ris ann an Alba agus tro thaisbeanaidhean acadaimigeach. Bidh taisbeanadh aonair ann aig a’ cho-labhairt anns am bi obair ealain a rinn e ann am Malaig, an dà chuid obair ola is obair pàipeir, cuide ri taisbeanadh de thriùir luchd-ealain a rinn greisean obrach tro Sgoilearachd Jon Schueler aig Sabhal Mòr Ostaig eadar 2013 agus 2015 – Takeshi Shikama, Helmut Lemke agus Oliver Mezger.
Thuirt Donaidh Rothach, Stiùiriche Leasachaidh, Maoineachaidh agus nan Ealain aig Sabhal Mòr Ostaig:’Tha Sabhal Mòr Ostaig fìor thoilichte a bhith a’ stèidheachadh agus a’ toirt taic an seo don tachartas chudromach eadar-nàiseanta seo sna h-ealain lèirsinneach, a tha a’ comharrachadh ceud bliadhna bhon a rugadh Jon Scheuler, a bha cliùiteach am measg nam peantairean eas-chruthach ann an New York agus na neach-ealain aig an robh eòlas agus meas air an Linne Shlèitich, a thug air an obair ealain a b’ ainmeile leis, a rèir cuid, a chruthachadh. Tha luchd-ealain Sgoilearachd Jon Schueler air a bhith stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig fad trì bliadhna le taic fhialaidh Urras Jon Schueler agus tha e glè fhreagarrach gur ann aig Sabhal Mòr Ostaig a tha an taisbeanadh is co-labhairt chudromach seo a’ tachairt agus sinn a’ comharrachadh na bliadhna cudromaich seo.’
A bharrachd air an tachartas shònraichte a tha seo, tha Sabhal Mòr Ostaig cuideachd toilichte gum bi a’ cheathramh sgoilearachd Jon Schueler a’ gabhail àite aig a’ Cholaiste bho 18 Iuchar gu 7 Dàmhair. Tha seo fosgailte do luchd-ealain eadar-nàiseanta (a’ gabhail a-steach Alba agus an RA) a tha a’ toirt a-mach obair aig sàr ìre tro mheadhan lèirsinneach sam bith agus aig a bheil ùidh shònraichte ann an cruth-tìre is an àrainneachd. Feumaidh iarrtasan a bhith a-staigh ro 3 Faoilleach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Sgoilearachd Jon Schueler 2016 no mu’An Linne’, rach gu làraich-lìn an t-Sabhail – http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/ealain-is-cultar/jon-schueler-centenary-symposium/ no cuir post-d gu js.smo@uhi.ac.uk