
A’ Chiad Duais do Sgoilear à Sruighlea ann am Farpais Logo
Choisinn Connor Harper, sgoilear à Àrd-sgoil Uallais ann an Sruighlea, a’ chiad duais ann am farpais airson logo a dhèanamh gus 40 bliadhna bhon a chaidh Sabhal Mòr Ostaig OGE a stèidheachadh, a chomharrachadh. Bha cothrom aig sgoilearan Gàidhlig ann an àrd-sgoiltean air feadh Alba logo a dhèanamh a rachadh a chleachdadh gus tachartasan sònraichte tron bhliadhna a bhrosnachadh. Fhuair Connor, a tha san treasamh bliadhna aig an àrd-sgoil, £150 agus fhuair an sgoil seic airson £100 agus tha dùil aca a chosg air stuthan-ionnsachaidh Gàidhlig. Fhuair Marion Docherty à Àrd-sgoil Phort Rìgh an dàrna duais agus bhuannaich i £50. Thuirt Lisa Moyes, a tha ag obair san roinn mhargaideachd aig Sabhal Mòr Ostaig: ‘S e bliadhna shònraichte don cholaiste am-bliadhna agus bha sinn cho toilichte gun d’fhuair sinn cha mhòr 100 logos bho àrd-sgoiltean air feadh Alba. Bu toigh leinn meal-a-naidheachd a chur air Connor agus Marion agus taing mhòr a thoirt dha na sgoilearan agus sgoiltean a chuir logos thugainn.”